Alexandru Ioan Cuza
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
B' e oifigear an airm, rèabhlaideach, neach-poileataigs agus prionnsa à Romàinia a bh' ann an Alexandru Ioan Cuza (IPA: ˈalekˈsandru iˈo̯aŋ ˈkuza, Bârlad, 20 am Màrt 1820 - Heidelberg, 15 an Cèitean 1873).[1] Bhuinneadh e do theaghlach Ortodogsach iar-fhlaitheach - bha athair na uachdaran-fearainn (Romàinis: boyar) roimhe. Fhuair e a chuid foghlaim aig Oilthigh Pharis agus phòs e aig Elena Rosetti à Iași ann an 1844.[2] Chaidh ainmeachadh Domnitor (Gàidhlig: riaghladair) ann an aonadh pearsanta rìoghail an dà chuid air Moldobha agus Țara Românească ann an 1859.[3] B' ann mar seo a chaidh Principatele Unite (Gàidhlig: Prionnsalachdan Aonaichte) agus an uair sin Romàinia a chruthachadh. Mar Riaghladair nam Prionnsalachdan Aonaichte, thug e taic dhan iomairt phoileataigeach agus dioplomasach a dh'iarradh air Impireachd nan Otomanach - an stàit àrd-uachdaran os cionn nam Prionnsalachdan fad linntean - gun aithnicheadh i aonadh Moldobha agus Țara Românească. Mu dheireadh thall, ann an 1862, b' urrainn do Chuza aonadh rianachail agus bun-reachdail nam Prionnsalachdan ann an aon stàit le a prìomh-bhaile agus a pàrlamaid ann am Bucharest ruigsinn.[4] Chuir a dhealas airson ath-leasachadh poileataigeach agus sòisealta na Tòraidhich agus Libearalaich raidigeach na aghaidh, a' mhòr-chuid dhuibh uachdarain-fearainn agus luchd-gnothaich às a' chlas Chalpasach. Air 22 an Gearran 1866, thugadh airsan crùn a leigeil dhe agus b' fheudar dha an dùthaich fhàgail. Chaochail e thall thairis ann an Heidelberg ann an 1873.[5]
Remove ads
Iomraidhean
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads