Contae na Gaillimhe

From Wikipedia, the free encyclopedia

Contae na Gaillimhe
Remove ads

'S e siorramachd (Gaeilge: Contae) ann am Poblachd na h-Èireann a tha ann an Contae na Gaillimhe[1] (tuiseal ainmneach: Gaillimh, [2] Laideann: Comitatus Gallivensis). Tha e suidhichte air an àirde an iar na dùthcha, ann an Còigeamh Chonnacht. Tha 450,198 duine a' fuireach san t-siorramachd fad 5,940km²,[3] an dàrna shiorramachd as motha na dùthcha a thaobh fharsaingeachd agus an siathamh a thaobh àireamh-sluaigh. Tha crìochan aig Contae na Gaillimhe le An Clár, Uíbh Fhailí, Ros Comáin, Maigh Eo agus Tiobraid Árann.[4] Bha 854,118 nan tàmh sa chontae ann an 1841, ron a' Ghorta Mhòir.[5] 'S e Binn Bhán (725m) a th' anns a' beinn as àirde na siorramachd.[6]

Contae na Gaillimhe
Thumb
Suidheachadh
Dùthaich Èirinn
Còigeamh Còigeamh Chonnacht
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 5,940 km²
Àireamh-shluaigh 450,198 ()
Dlùths 75.79/km²
Duilleag oifigeil A' Chomhairle
Remove ads

Eachdraidh

Chaidh an Contae a stèidheachadh ann an 1569 le Ealasaid I. Thuit àireamh-shluaigh na siorrachd ann an −26.9% aig àm na Gorta Mòire.[7] Bha Conradh na Talún gu math gnìomhach an seo an deireadh an 19mh Linn.

Sgìrean Ionadail

Tha seachd baranachdan deug (Gaeilge: barúntacht) am broinn na Gaillimhe: Baile Chláir, Baile na hInse, Baile Locha Riach, Béal Átha Mó, Baile Átha an Rí, Cill Chonaill, Cill Liatháin, Cill Tartan, Cluain Mhac nEoghain, Dún Coillín, Dún Mór, Liatroim, An Longfort, Maigh Cuillin, An Ros, Tigh Dachoinne agus Gaillimh fhèin. A bharrachd air sin, tha 120 parraistean[8] (ann an trì sgìreachdan-easpaig: Tuaim, Cluain Fearta agus Gaillimh)[9] agus 4,556 bailtean fearainn sa chontae.

Remove ads

Bailtean

Daoine Ainmeil

Iomraidhean

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads