Cruadhachadh

From Wikipedia, the free encyclopedia

Remove ads

Canar cruadhachadh ri pròiseas sa bheil consan 'ga dhèanamh nas treasa 's nas cruaidhe de chonsan nas laige. 'S e seo caochladh an sèimheachaidh. Mar eisimpleir, dh'fhaoidte gun dig stad-chonsan an àite suathaich, can [b] an àite [v] no [d] an àite [r]. Chan eil seo a cheart cho cumanta 's a tha an sèimheachadh ach gheibhear seo ann am prìomh-ionadan fhaclan, can aig toiseach facail no ann an lide le beum.

Remove ads

Buill-eisimpleir

Gearmailtis

Tha an gluasad o [θ] is [ð] gu [t] is [d] gu math cumanta leis gu bheil na suathaich seo car ainneamh is mì-sheasmhach air feadh cànain an t-saoghail. Thachair seo sa mhòrchuid dhe na cànain Ghearmaineach air tìr-mòr na Roinn-Eòrpa agus cuid a dhual-chainntean na Beurla.

Gàidhlig

Tachraidh seo cuideachd nuair a ghabhas cànan ri faclan-iasaid agus tha seo gu sònraichte cumanta sna cànain Ghàidhealach a chionn 's nach eil cuid mhath dhe na suathaich ceadaichte aig toiseach facail (ach [s̪] agus [ʃ]) sa chruth bhunaiteach. Ri linn sin, thèid suathaich aig toiseach facail-iasaid a neartachadh dhan t-seise as fhaisge air sa chànan Ghàidhealach.

Mar eisimpleir:[1]:

/v//p/Beurla Ghallda vervainbearbhain /pɛɾavɛɲ/
/hw//kʰ/Beurla Ghallda wheelcuidheall /kʰujəl̪ˠ/
/w//p/Beurla Ghallda wallballa /pal̪ˠə/
/f//p/Laideann fundusbonn /pɔun̪ˠ/ (foundation)
/θ//t̪ʰ/Lochlannais þrǣlltràill /t̪ʰɾaːʎ/ (slave)
/h//t̪ʰ/Beurla Ghallda hogsheadtocasaid /t̪ʰɔʰkəs̪ətʲ/
/j//kʲ/Beurla Ghallda yawlgeòla /kʲɔːl̪ˠə/

Gàidhlig na h-Èireann

Tha a' Ghaeilge a' leantainn cha mhòr an dearbh phàtran ach thathar a' cur às dha /h/ mar is trice, seach a thionndadh 'na /t/:)[2]

/v//b/Beurla vervainbeirbhéine
/hw//f/Beurla whippetfuipéad
/w//b/Beurla wick(s)buiceas
/θ//t̪ʰ/Beurla theoremteoirim
/θ//t̪ʰ/Lochlannais þrǣlltráill
/j//g/Beurla yeomangíománach
/j//gʲ/Beurla yeastgiosta

Gàidhlig Eilean Mhanainn

Gheibhear seo sa Mhanannais cuideachd ach nas lugha dheth leis gu bheil barrachd suathaich ceadaichte sa chànan seo aig toiseach facail. Seo grunn eisimpleirean:[3]

/v//b/Beurla wallboailley /bɔːlə/
/hw//kʰ/Beurla wheelqueeyl /kwiːl/
Remove ads

Tùsan

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads