Falun
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
‘S e baile meadhanach ann an cridhe na Suaine a th’ ann am Falun (IPA: fɑːlʉn). Tha e suidhichte ann an tairbeart eadar Loch Runn agus Loch Varpan,[1] anns an sgìre Dalarna,[2] 196km air falbh bho Stockholm, prìomh-bhaile na dùthcha, 139km bho Uppsala agus 387km bho Ghöteborg.[3] Tha 37,291 duine a' fuireach ann.[4]
Falun
| |||||
| Suidheachadh | |||||
| Dùthaich | |||||
| Ceàrn | |||||
| Sgìre | |||||
| Co-chomharran | 60° 36 26′ Tuath 15° 37 52′ Ear | ||||
| Feartan fiosaigeach | |||||
| Farsaingeachd | 2,052.65 km² | ||||
| Àireamh-shluaigh | 37,291 (2015) | ||||
| Dlùths | 18.17/km² | ||||
| Àireamh fòn | (+46) 23 | ||||
| Duilleag oifigeil | http://www.lansstyrelsen.se/ | ||||
Remove ads
Freumhan an Ainm
Ged nach eil freumh-fhaclachd an ainm seo cho soilleir tha e coltach gur ann à fal (Gàidhlig: achadh), a tha a' nochdadh ann an iomadh àite air feadh na Suaine, a tha an t-ainm.[5] 'S e co-dhàimh le polje ann am Polais, pelagos ann an Greugais, làn sa Ghàidhlig, llano ann an Spàinntis, polonýná ann an Ilyrianais agus piano san Eadailtis.[6]
Eachdraidh
Chaidh companaidh mhèinnean a stèidheachadh an seo ann an 1387 agus tha e fhathast a' dol. Chaochail an Ceimigear Johan Gottlieb Gahn ann am Falun ann an 1818.[7] Chaidh Oilthigh Dhalarna a stèidheachadh ann an 1977 le campas ann am Falun agus fear eile ann am Borlänge.[8]
Daoine Ainmeil
Iomraidhean
Ceanglaichean a-mach
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads
