Friedrich Nietzsche

From Wikipedia, the free encyclopedia

Friedrich Nietzsche
Remove ads

B' e feallsanach às a' Ghearmailt a bh' ann am Friedrich Wilhelm Nietzsche (IPA: ˈfʁiːdʁɪç ˈvɪlhɛlm ˈniːtʃə, Röcken, 15 an Dàmhair 1844 - Weimar, 25 an Lùnastal 1900).

Quick Facts full professor (en), Beatha ...

Rugadh e ann an Röcken bei Lützen is bho 5 bliadhna a dh'aois thogadh e ann an Naumburg an der Saale. Eadar aoisean 14 is 19 bha e na sgoilear aig sgoil-chòmhnaidh faisg air Naumburg far an do leugh e obraichean le Friedrich Hölderlin agus David Strauss. Bha e na oileanach aig Oilthigh Bhonn agus an-sin aig Oilthigh Leipzig, far an do dh'fhoillsich e aistean air bàird Seann-ghreugach agus Arastotal. Lorg e na h-obraichean Schopenhauer a thoireadh buaidh mhòr air. Rinn e càirdeas ri Richard Wagner is Wagner ga mholadh airson chathair aig Oilthigh Bhasel, far an deach e na ollamh ann an 1869 aig aois 24. Dh'fhrithealaich e mar chuidiche ospadail anns a' Chogadh Fraing-Phruiseach ann an 1870 is fhuair e galar na h-amhaich agus an galar-gasta. Thug Nietzsche buaidh uabhasach fhèin làidir air Hitler agus Nàsachd.[1]

Dh'fhoillsich e a chiad leabhar, Die Geburt der Tragödie aus dem Geiste der Musik ('Breith Bròn-chluiche bho Anam a' Chiùil') ann an 1872 agus Menschliches, Allzumenschliches ('Daonnail, cho Ro-daonnail') ann an 1878 ach dh'fhàg e an t-oilthigh ann an 1879 air sgàth droch shlàinte is shiubhail e eadar bailtean fad na h-Eadailt, na h-Eilbheis, na Frainge is na Gearmailte is e a' sgrìobhadh obraichean as ainmeile, mar eisimpleir Thar Math is Mall (1886) is Nietzsche an aghaidh Wagner (1888). Thachair e ri Lou Andreas-Salomé anns an Ròimh ann an 1882. Dh'fhulaing e briseadh-inntinn ann an 1889 is cha do sgrìobh e a-rithist mus do chaochail e ann an 1900.[2]

Remove ads

Nietzsche agus Alba

B' e Alexander Tille, òraidiche aig Oilthigh Ghlaschu, a dheasaich a' chiad eagran na h-obraichean Nietzsche anns a' Bheurla is e fhèin air Mar a thuirt Zarathustra eadar-theangachadh. Dh'eadar-theangaich Thomas Common Cùis Wagner.[3]

Obraichean

  • Die Geburt der Tragödie ('Breith Bròn-chluiche bho Anam a' Chiùil', 1872)
  • Unzeitgemässe Betrachtungen ('Beachdan An-tràthach'):
    • David Strauss: der Bekenner und der Schriftsteller ('David Strauss: an t-Aidhmeilear agus an Sgrìobhaiche', 1873)
    • Vom Nutzen und Nachtheil der Historie für das Leben ('Cleachdadh is Cron na h-Eachdraidhe airson a' Bheatha', 1874)
    • Schopenhauer als Erzieher ('Schopenhauer mar Fhoghlamaiche', 1874)
    • Richard Wagner in Bayreuth ('Richard Wagner ann am Bayreuth', 1876)
  • Menschliches, Allzumenschliches ('Daonnail, cho Ro-daonnail', 1878)
  • Der Wanderer und sein Schatten ('An t-Seachranaich agus a Sgàil', 1880)
  • Morgenröte ('Ròs na Maidne', 1881)
  • Die fröhliche Wissenschaft ('An t-Eòlas Aoibhneach', 1882)
  • Also sprach Zarathustra ('Mar a thuirt Zarathustra', 1883)
  • Jenseits von Gut und Böse ('Thar Math is Mall', 1886)
  • Zur Genealogie der Moral ('Sloinntearachd Moraltachd', 1887)
  • Der Fall Wagner ('Cùis Wagner', 1888)
  • Ecce Homo (1888)
Remove ads

Ceanglaichean a-mach

Iomraidhean

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads