God Save the Queen

From Wikipedia, the free encyclopedia

God Save the Queen
Remove ads

Is Laoidh Nàiseanta na Rìoghachd Aonaichte God Save the Queen. Chaidh fhoillseachadh gun urra ann an The Gentleman's Magazine, 15mh an Dàmhair, 1745.

Quick Facts Tiotal, Dùthaich ...

Seo an teacsa anns a' Ghàidhlig:

DHIA, thoir d ar n-uachdran gaoil
Sonas is sìneadh saoghl;
Dhia, dìon an Rìgh;
Deònaich dha buaidh sa chòir,
Àrd-ghreadhnachas is glòir,
Fad-riaghladh aoibhinn, mòr;
Dhia, dìon an Rìgh !

Do mhaitheas caoin, neo-ghann,
Bi dòrtadh air a cheann,
Gun sgur, gun dìth ;
Ceart-reachdan biodh ra linn,
Á sìor thoirt aobhair dhuinn,
Le guth s le cridh bhith seinn
Dhia, dìon an Rìgh !

Seo tionndadh eile air na faclan tùsail, a rinn Aonghas Dòmhnallach. Nochd na faclan iad seo anns an iris Chainèidianach "Mac-Talla", Iuchar 16, 1892.[1]

"DHIA GLEIDH 'BHANRIGH"

"Dhia glèidh ar Banrigh mhòr,
Beatha bhuan da'r Banrigh choir,
Dhia glèidh 'Bhanrigh.
Thoir buaidh dhi, 'us solas,
Son' agus ro ghlòrmhoir,
Fada chum riaghladh oirnn';
Dhia glèidh 'Bhanrigh;

A Thighearn ar Dia èirich,
Sgap a naimhdean eitich,
'Us leag iad sìos.
Cuir clì an droch riaghladh,
Tilg sìos an lùib dhiabhlaidh,
Ar dòchas oirre leag—
Dhia glèidh 'Bhanrigh:

Do thìodhlaig mhaith thoir dhi,
Dòirt oirre pailt gun dith,
Fad' riaghladh i;
Ar reachdan dìonadh i,
Toirt dhuinn aobhar, gun sgìos,
'Bhi seinn le 'r guth 's ar cridh'
Dhia glèidh 'Bhanrigh!"

Remove ads

Iomraidhean

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads