Humza Yousaf

From Wikipedia, the free encyclopedia

Humza Yousaf
Remove ads

'S e neach-poileataigs à Alba agus a' chiad phrìomh-mhinistear Muslamach a tha ann an Humza Yousaf BPA.

Quick Facts Ball 4mh Pàrlamaid na h-Alba, Ministear airson Leasachadh Eadar-nàiseanta ’s na Roinn Eòrpa ...

Rugadh e ann an Glaschu ann an 1985. Bha e na oileanach aig Oilthigh Ghlaschu far an do dh'ionnsaich e poileataigs. Dh'obair e mar chuidiche pàrlamaideach mus deach e thaghadh mar BhPA airson Glaschu air an liosta Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba ann an 2011. An dèidh sin dh'fhrithealaich e air na comataidhean airson ceartais agus sgrùdaidh phoblach gu 2012. Chaidh e na BhPA airson Glaschu Pollaig ann an 2016 agus na Mhinistear airson Còmhdhalach agus nan Eilean an dèidh don taghadh. An dèidh sin bha e na Rùnaire airson Ceartais. Bha e na Rùnaire airson Slàinte eadar an taghadh ann an 2021 is nuair a bhuannaich e ceannardas a' phàrtaidh ann an 2023.[1]

Chaidh e na cheannard SNP agus na phrìomh-mhinistear na h-Alba sa' Mhàirt 2023. Cha do ghabh Ceit Fhoirbeis, a bha anns an dàrna àite an dèidh do Mhgr Yousaf ann an taghadh ceannardais, dreuchd mar rùnaire nan cùisean dùthchail is thill i gu na beingean-cùil. Chaidh Seòna Robasdan na leas-phrìomh-mhinistear.[2]

Rinn e cùmhnant còmhla ri COSLA, Co-chruinneachadh Ùghdarrasan Ionadail na h-Alba, mu dhèidhinn sìneadais agus co-obrachaidh air bochdainn, Net Zero agus seirbheisean poblach anns an Ògmhios 2023.[3]. Seo am Verity House Agreement.[4]

Bhris e an Cùmhnant Taigh Bhòid còmhla ris na h-Uainich 25 an Giblean 2024 an dèidh do chùl a chur air targaidean gnàth-shìde agus bi bhòt cion-earbsa aig Taigh an Ròid an ath-sheachdain.[5] 29 an Giblean 2024 thuirt e gun leig e a dhreuchd shuas nuair a thaghadh an SNP ceannard ùr.[6]

Lean Iain MacShuibhne mar phrìomh-mhinistear anns a' Chèitean 2024 e.[7]

Remove ads

Ceanglaichean a-mach

Remove ads

Iomraidhean

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads