Jorge Robledo (ceannsaiche)

From Wikipedia, the free encyclopedia

Jorge Robledo (ceannsaiche)
Remove ads

B' e saighdear agus ceannsaiche às An Spàinn (Castilla) a bh' ann an Jorge Robledo (Úbeda, mu 1500 - La Merced, 1546). Rugadh e ann an Jaén, tè dhe na h-ochd roinnean ann an Andalusia ann an ceann a deas na Spàinne an latha an-diugh, ach chan eil cinnte againne air ceann-latha a bhreith, ach bha freumhan flaitheil aige. Phòs e aig María de Carvajal y Mendoza.[1] Bha e na cheann-feachdan anns na cogaidhean anns An Eadailt, far an do bhuannaich na Spàinnteach. Cha robh àite aige ann an ceannsachaidhean an t-Saoghail Ùire anns an sgìre Paisa ann an Coloimbia a-mhàin. Bha e eadar an fheadhainn a rinn taisgleadh Nueva Galicia cuideachd (far a bheil sgìre mòra Mheagsago an latha an-diugh),[2] bha e an sàs anns a' cheannsachadh Ghuatemala, Cath Cajamarca ann am Pearu, agus 's dòcha gun do dh'aontaich e fhèin leis an airm aig Sebastián de Belalcázar, is iad a' sìreadh Eldorado. Stèidhiche e Santa Fe de Antioquia.

Quick facts Beatha, Breith ...
Remove ads

Iomraidhean

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads