La Merced

From Wikipedia, the free encyclopedia

La Merced
Remove ads

'S e baile beag faisg air Aranzazu ann an Caldas, Coloimbia,[1] a th' ann an La Merced (IPA: la meɾˈseð). Tha e suidhichte aig 1,819m os cionn ìre na mara agus 98km air falbh bho Mhanizales. 'S e baile le gnàth-shìde gu math càilear a th' ann agus tha teodhachd mheadhanach mu 18.7˚ aige.[2] Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1901.

La Merced
Thumb Thumb
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Thumb
Sealladh air a' bhaile
Thumb
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn Caldas
Sgìre Àrd-Ear
Àirde 1819m
Co-chomharran 05° 23' 58' Tuath
75° 32' 49' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 98.1 km²
Àireamh-shluaigh 6,752 (2005)
Dlùths 68.83/km²
Duilleag oifigeil Comhairle a’ Bhaile
Remove ads

Eachdraidh

B' e na Pozo a bha làidir anns an sgìre seo mus an do ràinig na Spàinntich. Bha buaidh nan Spàinnteach cho làidir air na Tùsanaich gun do bhàsaich a' mhòr-chuid ro cheann linn. Chaochail an ceannsaiche Spàinnteach Jorge Robledo an seo ann an 1546.[3] Thoisich daoine à Antioquia a' tighinn ann ri cofaidh a chinntinn anns an 19mh Linn.[4] Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1901 a-mhàin, dìreach aig deireadh Cogadh na Mìle Làithean.[5] Ged a tha FARC fhathast an làthair ann an caochladh sgìre ann an Caldas, chan eil iad air a bhith idir làidir an seo bho chion bhliadhnaichean.[6] A dh'aindeoin sin, bha luchd-reic dhrogaichean nan trioblaid dhoirbh aig deireadh an 20mh Linn o chionn 's gu bheil am baile faisg air Antioquia. B' ann ann an La Merced a chaidh Cacique Pipintá - buidheann cheannarcach an làimhe dheis - a stèidheachadh ann an 1999.[7]

Remove ads

Sluagh a' bhaile

Ged a tha 2.190 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, tha 6,752 anns an sgìre air fad.[8] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[9] Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid nan daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. Taobh chinnidh, 's e daoine geala/mestizos a th' ann a' mhòr-chuid nan daoine ann an La Merced, ach tha 0.1% a tha nan Tùsanaich agus 0.5% nan daoine le freumhan ann an Afraga. 'S urrainn dhan 85.7% nan daoine ann an La Merced leughadh agus sgrìobhadh. A thuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 20.4% nan dachannan.[10]

Remove ads

Freumhan an Ainm

Chaidh am baile a dh’ainmeachadh mar chuimhne air Moire na Tròcaire, neo La Virgen de la Merced ann an Spàinntis. Thogadh eaglais dhi an seo nuair a stèidheachadh am baile.

Fèisean

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an La Merced. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th' ann fhathast,[11] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir 's a tha beairteas cultarail na dùthcha.

Iomraidhean

Ceanglaichean A-mach

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads