June Almeida
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
B' e bhìor-eòlaiche à Alba a bha ann an June Almeida.
Remove ads
Beatha
Rugadh i mar June Hart 5 Dàmhair 1930 agus thogadh i ann an Glaschu. Nuair a dh'fhàg i aig aois 16 an sgoil chaidh i na teicniche aig deuchainn-lann aig an Taigh-eiridinn Rìoghail Ghlaschu agus an sin aig Ospadal Naoimh Pàrlain ann an Lunnainn. Phòs i Enriques Almeida, neach-ealain às a' Bheiniseala agus dh'imrich iad gu Canada far an do dh'obraich i air structaran bhìorasan. Dh'fhiathaich A. P. Waterson a bha na ollamh aig Sgoil Meadaigeach Ospadal Naoimh Thòmais i gu Lunnainn is thill i ann an 1964. Aig deireadh a cùrsa-obrach bha i ag obair aig an Deuchainn-lann Rannsachaidh Wellcome ann am Beckenham. Leig i ann an 1985 a dreuchd suas is thrèanaich i mar thidsear yoga. Chaochail i 1 Dùbhlachd 2007.[1]
Remove ads
Saidheans
B' e tùsaire ann am maicreasgopaidh eileagtronach ion-dhìonach, dòigh a chleachd i airson structar bìoras a' ghalair-dheirg a dhearbhadh agus lorg i cuideachd gun robh dà phàirt aig a' bhìoras lionnachaidh-ghrùthain B.[1] Tha i ainmeil cuideachd air sgàth 's gun do lorg i na coròna-bhìorasan. Bha i ag obair còmhla ri David Tyrrell aig Aonad a' Chnatain-bheinge ann an Salisbury nach urrainn dha samplaichean àirichte a mhathachadh anns an deuchainn-lann. Fo mhaicreosgop, chunnaic i mìrean bìorais a bha coltach ri crùin is dh'ainmeachadh i air facal Laideann airson crùin am bìoras coròna-bhìoras.[2]
Remove ads
Iomraidhean
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads