Lugoj
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
'S e baile meadhannach eadar Timișoara agus Deva, air an àirde an iar Romàinia a th' ann an Lugoj (IPA: ˈluɡoʒ, Ungairis: Lugos, Gearmailtis: Lugosch, Turcais: Logoş). Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Timiș, aig 124m os cionn ìre na mara, san t-siorrachd (Romàinis: Județ) Timiș. Tha 40,361 duine a' fuireach ann.[1]
Lugoj Lugos Lugosch Logoş
| |||||
![]() | |||||
![]() | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | ![]() | ||||
Ceàrn | ![]() | ||||
Co-chomharran | 45° 41 17' Tuath 21° 54 58' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 88.05 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 40,361 (2011) | ||||
Dlùths | 458.39/km² | ||||
Àireamh fòn | +40 02 56 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
Remove ads
Eachdraidh
'S ann connspaideach 's a tha freumh-fhaclachd ainm a' bhaile. Tha cuid a dhaoine dhen bheachd gur ann às an fhacal liugas (Gàidhlig: boglach) ann an Dacis air neo Lugos (Gàidhlig: Lugh) ann an seann Cheiltis. 'S mathaid gun tàinig e bhon fhacal locus (Gàidhlig: àite) ann an Laideann, seach lugas (Gàidhlig: doire) ann an Ungairis. A dh'aindeoin sin, tha teòiridh eile ann a chanas gur e dìreach am facal rogoz (Gàidhlig: rumach) ann an Romàinis. Chaidh a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1368 mar Lugas agus an uair sin ann an 1376 mar Castrum Lugas. Buinneadh Lugoj dhan Phrionnsalachd Transsilvania bho 1570 gu ruige 1699, nuair a bha e fo smachd Impireachd nan Otomanach fad fichead bliadhna.[2] Rinn na teine mòr sgrios agus milleadh air a' bhaile ann an 1842. B' ann ann an Lugoj far an robh bunait armailteachd mu dheireadh Lajos Kossuth, mus dh'fhalbh e thall thairis ann an 1849.[3] Bhuinneadh am baile dhan Ostair-Ungaire gu ruige 1922 nuair a ghabh Romàinia os làimh e. Bha coimhearsnachd Iùdhach a' bhaile uabhasach fhèin làidir ron Dàrna Chogadh. Chleachd an deachdaire Ion Antonescu iad mar thràillean agus chaochail mòran dhuibh san Uile-losgadh.[4]
Remove ads
Daoine ainmeil
- Bela Lugosi (1882 - 1956)[5]
Bailtean co-cheangailte
Jena
Korinthos
Kriva Palanka
Monopoli
Nisporeni
Orléans
Szekszárd
Vršac
Iomraidhean
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads