Mustafa I

From Wikipedia, the free encyclopedia

Mustafa I
Remove ads

B' e còigeamh Sultan deug Impireachd nan Otomanach a bh' ann am Mustafa I (tiotalan: Kayser-i Rûm - 'Cèasar an Roimhe', İki Kutsal Cami'nin Hizmetkârı - 'Neach-glèidhidh an dà mhosg', far-ainm: Deli - caothach, Manisa 24 an t-Ògmhios 1591Istanbul 20 am Faoilleach 1639).[1] B' e còigeamh mac Mhehmed III agus Halime Sultan, à Abkhazia a bh' ann.[2] Bha e os cionn na dùthcha dà thuras: bho 1617 gu ruige 1618 agus an uair sin bho 1622 gu ruige 1623. Rugadh e nuair a bha a sheanair Murad III fhathast air an rìgh-chathair agus bha mac agus dithis nighean.[3]Cha do chuir a bhràthair mòr Ahmed I gu bàs e nuair a dh'eug athair Mehmed III, an aghaidh an tradaisein, agus mar sin mhair e beò.[4] Nuair a chaochail Ahmed I aig 23 bliadhna a dh'aois leis an fhiabhras-bhallach bha deagh staing ann leis gun do nochd suidheachadh nach do thachair a-riamh roimhe: iomadh prionnsa uabhasach fhèin òg le deagh agartas air an rìgh-chathair is iad uile ri chèile ann an Istanbul.[5] B' e Mustafa a chaidh a chrùnadh an àite Osman II an dèidh mòran dheasbad eadar nan caillteanach is ministearan agus a dh'aindeoin gu robh trioblaid inntinn aige. B' e a' chiad turais a chaidh bràthair a chrùnadh an àite mhic agus a rèir an aoise ann an eachdraidh nan Otomanach. Cha do mhair e fiù 's bliadhna mus ro a chur às a dhreuchd airson Osman II air sàilleabh gur robh e faiceallach dhan a h-uile duine gur robh e glan às a rian.[6] Ann an 1622 chaidh Osman II a chur gu bàs leis na Yeniçeri agus fhuair Mustafa I an crùn air ais fad bliadhna eile, gu ruige 1623. Chuir e gu bàs a h-uile duine a bha an lùib bàs Osman II. Chuireadh Murad IV na àite an ceann greis.

Quick Facts sultan Impireachd nan Otomanach, 15. sultan Impireachd nan Otomanach ...
Remove ads

Iomraidhean

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads