Osman II

From Wikipedia, the free encyclopedia

Osman II
Remove ads

B' e siathamh Sultan deug Impireachd nan Otomanach a bh' ann an Osman II (tiotalan: Kayser-i Rûm - 'Cèasar an Roimhe' agus İki Kutsal Cami'nin Hizmetkârı - 'Neach-glèidhidh an dà mhosg', far-ainm: Genç - 'òg', Istanbul 3 an t-Samhain 1604–Istanbul 20 am Màrt 1622).[1] B' a' chiad mhac Ahmed I agus Mahfiruze Hatice Sultan a bh' ann.[2] Cha robh e os cionn na dùthcha ach ceithir bhliadhna bho 1618 gus a chaochail e ann an 1622. Rugadh e nuair a bha athair Ahmed I fhathast air an rìgh-chathair. Cha robh luchd-taic nam ban aige anns an Harem, a lùghdaicheadh a chuid chumhachd.[3] Chuir Osman II ainm gu còrdadh na sìthe le Ioràn.[4] An uair sin thug e ionnsaigh air A' Phòlainn esan fhèin ach chailleadh an cogadh. Thuirteadh gur e na Yeniçeri a bha os coireach. Chuir na Yeniçeri Osman II ann an ar-a-mach na aghaidh leis gun do dh'fheuch bacadh a chur air an cuid chumhachd agus arm eile a chur air dòigh nan àite. Chuireadh Mustafa I na àite a-rithist, ged a bha trioblaid inntinn aige.[5] cha robh ach aon mhac aig Osman II, Şehzade Ömer, a chaidh a chur gu bàs le athair is e na leanabh.

Quick Facts 16. sultan Impireachd nan Otomanach, Beatha ...
Remove ads

Iomraidhean

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads