Na Gathan

From Wikipedia, the free encyclopedia

Na Gathan
Remove ads

'S e còmhlan-ciùil garaids às an Eilean Sgitheanach a th' anns Na Gathan a chaidh air bhog ann an 2007.

Thumb
Tim, Kathryn, Greg & Tomaidh

Eachdraidh a' Chòmhlain

Thòisich an còmhlan leis a' cheathrar: Tim Armstrong (guth, siont agus drumaichean), Greg MacThòmais (giotàr agus guth), Kathryn NicAoidh (na drumaichean agus guth) agus Tomaidh MacAilpein (beus agus guth). Buinidh Kathryn agus Tomaidh dhan Eilean Sgitheanach fhèin agus tha Greig à Glaschu agus Tim à Siatail.[1] Tha iad uile fileanta ann an Gàidhlig agus tha na h-òrain air fad aca ann an Gàidhlig.

Bha Tim na fhear-toisich, na sheinneadair agus na chluicheadair giotàir anns a' chòmhlan-ciùil punc Ghàidhlig, Mill a h-Uile Rud,[2] agus cuideachd, bha e an sàs anns a' chòmhlan hip-hop Gàidhlig, Nad Aislingean. Chluich e fhèin agus Tòmaidh anns a' chòmhlan Ghàidhlig, Là Luain, agus cluichidh Na Gathan cuid dhe na h-òrain aig Là Luain. Ann an 2008, ghabh Roddy Neithercut ris a' chòmhlan mar chluicheadair siont. Tha Roddy làn Gàidhlig agus tha e cuideachd na sheinneadair anns a' chòmhlan, Atomgevitter. Ann an 2009, dh'fhàg Tomaidh an còmhlan agus thog Greg am beus fhad 's ghabh Sìleas Landgraf ris a' ghiotàr. 'S ann à Köln, anns a' Ghearmailt a tha Sìleas o thùs ach tha i glan fhileanta ann an Gàidhlig cuideachd.

Anns a' Ghearran, 2008, chaidh Na Gathan air turas goirid còmhla ri Oi Polloi agus Les Ramoneurs de Menhirs a thòisich le cuirm-ciùil ann an Glaschu a bha na tachartas neo-oifigeil air iomall na fèise, Celtic Connections.[3] Chlàraich Rapal T.Bh. pìos aig a' chuirm sin a chaidh a chraobh-sgaoileadh anns an earrach, 2008. Anns an Iuchar, 2008, choisinn iad an duais Òran Ùr Ghàidhlig As Fhèarr bho Rapal le Ruigidh Sinn Màrs, òran a sgrìobh Greg.[4] Chluich iad ceithir òran air a' chiad phrògram dhen treas sreath de Rapal T.Bh. a chaidh air a chraobh-sgaoileadh anns an fhoghar, 2008, air an t-seanal ùr dhigiteach, BBC ALBA. Agus ann an 2009, chaidh an dàrna òran singilte aca, Claigeann Damien Hirst, a thaghadh dhan fharpais, Nòs-ùr.[5] Bha an t-òran stèidhichte air sgeulachd a sgrìobh Maoilios Caimbeul, a bha i fhèin an iomradh air a' phìos-ealain le Damien Hirst, For the Love of God.

Remove ads

Clàran

  • 2008 Ruigidh Sinn Màrs agus Trì Sgeulachdan (Ùr-sgeul)
  • 2009 Claigeann Damien Hirst (Ùr-sgeul)
  • 2009 Ga Bruidhinn Làn-Ùine (Problem? Records)

Iomraidhean

Ceanglaichean a-muigh

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads