Olof Palme
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
B' e neach-poileataigs às An t-Suain a th' ann an Sven Olof Joachim Palme (IPA: uːlɔf ˈpalˌmɛ, Stockholm, 30 am Faoilleach 1927 - 28 an Gearran 1986).[1] Bha e an lùib poileataigs aig àrd ìre fad a bheatha mar bhall nan Liberalerna (a tha a' gabhail ri Libearalas). An dèidh an t-Arm fhàgail ann an 1947 chaidh e gu Oilthigh Stockholm agus fhuair e sgoilearachd a dhol gu Kenyon College, thall anns Na Stàitean Aonaichte. Thuirt e gur e na chunnaic e an siud a thug buaidh cho làidir air gun do ghabh e ri Sòisealachd, a dh'aindeoin 's gu robh athair na fhear-malairt.[2]
Fhuair e dreuchd mar rùnaire ann an oifis a' phrìomhaire ann an 1953. An uair sin bha e os cionn Lìog nan Sòisealta Deamocratach Òga (Suainis: Sveriges Socialdemokratiska Ungdomsförbund). Chaidh e a thaghadh dhan Phàrlamaid airson Jönköpings län ann an 1957.[3] Bha iomadh dreuchd aige san Riaghaltas: Ministear gun Phasgan, Ministear a' Chòmhdhalach agus Ministear an Fhoghlaim. A bharrachd air sin, bha e os cionn a' phàrtaidh aige fad 16 bliadhna, bho 1969 gus a chaidh a chur gu bàs.[4] Bha e na phrìomhaire dà thuras: 1969 gu ruige 1976 agus an uair sin 1982 gu ruige 1986.
Remove ads
Iomraidhean
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads