Raphael

From Wikipedia, the free encyclopedia

Raphael
Remove ads

'S e peantair linn an ath-bheòthachaidh às an Eadailt a bha ann an Raphael (Raffaelo Santi).

Quick facts Beatha, Ainm slàn ...

Rugadh agus thogadh e ann an Urbino far an robh athair dha na pheantair aig a' chùirt. Ann an 1500 chaidh e na pheantair air urra fhèin agus dh'obraich e air feadh meadhan na h-Eadailte, gu h-àraid ann am Florence. Ann an 1508 chaidh e dhan Ròimh far an do d'fhuair e fastadh leis a' Phàpa Julius II is e ag ath-sgeadachadh àras a' phàpa. Leasaich e an stoidhle aige an sin agus chaochail e ann an 1520.[1]

Remove ads

Sgoil na h-Àithne

Thumb
Sgoil na h-Àithne

'S e tè de na h-obraichean as ainmeile le Raphael a tha ann an Sgoil na h-Àithne anns a' Bhatacan. Anns an dealbh seo tha sealladh ann an stoidhle an ath-bheòthachaidh anns a bheil feallsanaiche aosmhor, gu h-àraid Plato a' tomhadh ris an iarmailt, Aristotle a tomhadh air adhart, Diogenes na sìneadh air an staidhre, Euclid a' teagaisg geomatraidh agus Heraclitus a' sgrìobhadh.[2]

Remove ads

Raphael agus Alba

Tha cuid de na h-obraichean le Raphael ann an Gailearaidhean Nàiseanta na h-Alba.[3]

Tha ìomhaigh na Madonna ann an Taigh Haddo ann an Siorrachd Obar Dheathain a fhuair George Hamilton-Gordon, 4mh Iarla Obar Dheathain anns na 1850an. Nuair a cheannaich e am peantadh chreid e gur e obair Raphael a bh' ann, ach chuir i às leth Innocenzo da Imola. A rèir eòlaiche ann an 2016 bha coltas gun do pheant Raphael i.[4] An dèidh sin rinn eòlaichean aig a' Ghailearaidh Nàiseanta ann an Lunnainn deuchainnean oirre agus ghabh iad ris nach robh i le Raphael, no Innocenzo, ach le peantair eile aig an Sgoil Bhologna.[5]

Remove ads

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads