Seasaidh NicLachlainn
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
B' e seinneadair à Alba a bha ann an Seasaidh NicLachlainn (no Seònaid NicLachlainn a-rèir a clach-uaigh; Beurla: Jessie MacLachlan).
Tha i ainmeil air sgàth 's gun robh i a' chiad seinneadair a ghabh òran anns a' Ghàidhlig air chlàr ann an 1899. Rugadh i ann an 1866 agus thogadh i anns an Òban agus athair dhi à Muile agus a màthair à faisg air an Òban. Nuair a bha i na deugaire ghluais i do Ghlaschu agus b' e seo far an robh i air an àrd-ùrlar airson a' chiad turais. Dh'fhàs i ainmeil agus ise a' gabhail òrain opara cuideachd - mar eisimpleir sheinn i ann an Caisteal Bhaile Mhorail anns na 1890an. Chaochail i ann an Glaschu dìreach an dèidh dhi a thilleadh bhon Fhraing anns a' Chogadh Mòr. Chaidh a tìodhlacadh ann an Cladh Cathcart ann an Glaschu.[1]
Bha iomairt anns an Dàmhair 2020 airson a clach-uaigh, a bha ann an droch stàit, a chàradh.[2] Shoirbhich an oidhirp seo agus chaidh goireasan a chruthachadh le Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig.[3]
Remove ads
Iomraidhean
Ceanglaichean a-mach
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads