Teàrlach Mòr

From Wikipedia, the free encyclopedia

Teàrlach Mòr
Remove ads

B' e Teàrlach Mòr (742 no 747 - 28mh Faoilleach, 814, Charlemagne san Fhraingis, Karl der Große sa Ghearmailtis, Karel de Grote san Duitsis agus Carolus Magnus sa Laidinn) Rìgh nan seann Ghearmailteach ris an canar na 'Fraingich' agus an duine a stèidhich Ìmpireachd Naomh na Ròimhe.

Quick facts diùc Bhavaria, King of Lombards (en) ...
Remove ads

A bheatha

B' e am mac as sine aig Rìgh Pippin Òg (cuideachd air ainmeachadh ' Pippin Goirid '). Nuair a bhàsaich Pippin, chaidh an rìoghachd aige a phàirticheadh ann an dà leth eadar a mhic - Teàrlach agus a bhràthair Carloman. Bhàsaich Carloman air an còigeamh latha den Dàmhair 771, mar sin a' fàgail Teàrlach Mòr mar cheannard na rìoghachd Fraingich aonaichte. Bha Teàrlach Mòr a' cogadh airson a' mhòr-chuid de bhliadhnaichean a rìoghachd - leis a' chlaidheamh ainmeil aige 'Joyeuse' na làimh. An dèidh trithead bliadhna de chogadh agus ochd blàran deug, cheannsaich e na Sagsonaidh - amas a bh' aig Ìmpire Augustus den Ìmpireachd Ròmanach ach nach robh na chumhachd a dhèanamh. An dèidh dha smachd fhaighinn air talamh no sgìre, dh'iompaich e na daoine chun a' chreideimh Chrìosdaidh. Stèidhich e Magdeburg ann an 805 agus ionad riaghlaidh ann an Worms cuideachd.

An ceann na 8mh linne thagh rìgh Teàrlach Mòr Aachen airson an rath a b' fheàrr aige. Thog e cill, "Pfalzkapelle", a tha na pàirt den àrd-eaglais Aachener Dom an-diugh, agus pàlas ìmpireil.

Remove ads

Teàrlach Mòr an-diugh

  • Bidh an duais "Karlspreis" ann airson a chuid obrach ro aonachd na Roinn-Eòrpa a h-uile bliadhna deasghabhail ann an talla baile Aachen.
  • Ann an ceòl: Dh'fhoillsich Christopher Lee, cleasaiche agus seinneadair, clàr Meatailte Charlemagne: By the Sword and the Cross (2010)[1] agus clàr leanmhainn Meatailte truime Charlemagne: The Omens of Death (2013) mu dhèidhinn tachartasan beatha Theàrlaich Mhòir.[2]
Remove ads

Iomraidhean

Tùsan

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads