Tuinisia
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
'S e dùthaich ann an Afraga a tha ann an Tuinisia[1][2][3] neo Tunisia[4][5] (Arabais: تونس , Tūnis), Ainm oifigeil: Poblachd Tuinisia, (Arabais: لجمهورية التونسية).
Tha i suidhichte air a’ Mhuir Mheadhanach. Tha crìochan aice san iar le Aildiria agus san earra-thuath le Libia.
'S e fàsach a tha ann an 40% den dùthaich.
Tha Tunis na prìomh-bhaile.
Remove ads
Eachdraidh
Bha am baile aosmhor Cartago far a bheil Tunis san latha an diugh. Sgrios na Ròmanaich e agus chaidh an t-ionad na phàirt den Impireachd na Ròimhe. Fhuair na h-Arabaich Tunis anns na 600an agus fhuair na h-Otomanach ann an 1574 an dèidh do 40 bliadhna de chogadh an aghaidh Rìoghachd na Spàinnte. Chaidh e na chosantaireachd na Frainge ann an 1883.
Fhuair Tuinisia neo-eisimeileachd às an Fhraing ann an 1956 le ceannard iomairt neo-eisimeileachd, Habib Bourguiba, mar phrìomhaire. Mhair e ann an smachd gu 1987. Thòisich Earrach nan Arabach ann an 2011 le sluagh-fhianaisean agus aramach. Chuir ceann-suidhe Kais Saied am prìomhaire à dreuchd agus fhuair e smachdan a' phrìomhaire ann an 2021.[6]
Remove ads
Daoine ainmeil
- Moungi Bawendi, ceimigear
- Sgrìobh Deòrsa Mac Iain Dheòrsa bàrdachd an dèidh dha sabaid ann an Tuinisia agus àitichean eile ann an Afraga a Tuath, mar eisimpleir Bisearta mu dhèidhinn ruagadh-adhair air baile Bhisearta aig ceann a tuath Thuinisia agus Mochtàr is Dùghall, pìos mòr neo-chrìochnaichte.[7]
Gailearaidh
- Bratach
- Mapa na dùthcha
- Mosg Zitouna ann an Tunis
Ceanglaichean a-mach
Iomraidhean
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads