Uilleam MacMhathain

From Wikipedia, the free encyclopedia

Remove ads

B' e sgoilear agus ministear a bh' anns an Urramach Uilleam MacMhathain (25 an Lùnastal 191030 an t-Samhain 1995[1][2][3]) (Far-ainm: Uilleam a' Mhiseanaraidh; Beurla: Rev. William Matheson)

Quick facts Beatha, Breith ...

Tha cliù aige mar sgoilear Gàidhlig cho barraichte 's bha anns an fhicheadamh linn le 'cas an dà chuid an academia agus am beul-aithris'.[4] B' e an t-Ollamh Aonghas MacMhathain a bhràthair na b' òige a bha Cathair na Ceiltis aig Oilthigh Ghlaschu.[1]

Remove ads

A bheatha

Rugadh e ann am Màlacleit[3] agus thogadh e ann an Solas, Uibhist a Tuath.[1]

B' e mac Calum MacMhathain agus Màiri Mhoireach a bh' ann. B' ann à Leòdhas a bha an dithis aca.[4] B' e miseanaraidh aig an Eaglais Shaor Aonaichte a bh' ann a athair[1] a thug far-ainm do Uilleam.

Leis a bhràthair Aonghas, chaidh e dhan tìr-mhòr airson àrd-sgoil. Chuir Uilleam seachad dà bhliadhna aig Àrd-sgoil Boroughmuir annan Dùn Èideann ach chaidh e an uair sin dhan Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis ann an 1926.[1]

Remove ads

Beatha Obrach

Anns an Eaglais

Thug MacMhathain a-mach a bhith na mhinistear as dèidh dha ceumnachadh. Thòisich e an ceann coitheanal anns a' Bhlàr Dhubh (eadar 1941-1945) agus an uair sin ann an Tobar Mhoire (eadar 1945-1952).[4]

A Bheatha Sgoilearach

B' ann air Oilthigh Dhùn Èideann a thug e aghaidh ann an 1929, far an d' fhuair e ceum le urram ann an Eachdraidh ann an 1933. Mus chuir e crìoch air an ceum ann an eachdraidh, chaidh a tharraing am measg coimhearsnachd sgoilearachd na Gàidhlig aig an Oilthigh a stiùir an t-Àrd-Ollamh Uilleam MacBhatair agus nuair a bha Somhairle MacGill-Eain, Kitty NicLeòid agus Seumas MacGilleMhìcheil MacBhatair ann.[1] B' ann às an rannsachaidh sin a thàinig an leabhar The Songs of John MacCodrum: an dàrna leabhar a dh'fhoillsich Comann Litreachas Gàidhlig na h-Alba.

Fhad's a bha e sa mhinistrealachd, ghabh e an cothrom eòlas fhaighinn air beul-aithris agus eachdraidh gach sgìre far an robh e ag obair.[4]

Bha e na Leughadair (Reader) ann an Ceiltis aig Oilthigh Dhùn Èideann.[2] Thar nam bliadhnaichean, chlàr Uilleam beul-aithris agus òrain as leth Sgoil Eòlais na h-Alba. Chlàr e timcheall air 200 òran còmhla ri Seumas Ros anns an 50an.[4] As dèidh dha a dhreuchd a leigeil dheth, rinn e clàraidhean dhe fhèin dhan Sgoil Eòlais le a charaid Iain Peadarsan.[4] Tha 540 clàraidhean air Tobar an Dualchais far a bheil Uilleam MacMhathain a’ nochdadh mar fhiosraiche agus 33 clàraidhean mar neach-clàraidh.

Tha Willie Gillies a' meas gur e sgoilear thar chàch a bh' ann agus gun tug e buaidh làidir air sgoilearachd na Gàidhlig. Bha a saothair a rinn e airson eachdraidh agus luach nan òran Gàidhlig a thaisbeanadh air leth.[1]

Remove ads

Dìleab

Dh'ionnsaich Ceana Chaimbeul agus a theaghlach iomadach òrain bho Uilleam.[4]

Clàr-èisteachd

  • William Matheson. Gaelic Bards And Minstrels (Scottish Tradition Series vol 16) deas. le Mòrag NicLeòid Màrt 2010. Dà CD aig CDTRAX9016Ds-vol-1.[5]

Nota: Litreachadh a' leantainn CD le Greentrax CDTRAX 9016D 2000

Clàr 1 (Iorram):

  • Thriall ur bunadh gu Pharao ;
  • An Làir Dhonn ;
  • Deoch-Slàint' an Iarla Thuathaich sin ;
  • Och a Mhuire mo dhunaidh ;
  • An deicheamh là de thùs a' Mhàirt ;
  • Mo bheud 's mo chràdh ;
  • Bhliadhna leumadh dh'ar milleadh ;
  • An talla bu ghnàth le Mac Leòid ;
  • Moch 's mi 'g èirigh sa mhadainn ;
  • An naidheachd seo 'n dé ;
  • Mo chràdhghal bochd ;
  • A bhean, leasaich an stòp dhuinn ;
  • Ri fuaim an taibh ;
  • Cha sùrd cadail ;
  • Moch 's a' mhadainn 's mi 'g èirigh ;
  • 'S tìm dhomh dùsgadh o m' shuain ;
  • 'S goirt leam gaoir nam ban Muileach --

Clàr 2 (Amhran):

  • 'S i seo 'n aimsir an dearbhar ;
  • Mìle marbhphaisg air an t-saoghal ;
  • Mo rùn geal òg ;
  • Thèid mi le m' dheòin ;
  • Feasgar Luain ;
  • Òran an t-Samhraidh ;
  • O Iain Ghlinn Cuaich ;
  • A Bhliadhna gus an aimsir seo ;
  • Òran Coire Cheathaich ;
  • Moch 's a' mhadainn Di-Dòmhnaich ;
  • Moladh air piob-mhòr Mhic Cruimein ;
  • Creach na Ciadaoin ;
  • Allt an t-Siùcair ;
  • Trì fichead bliadhna 's a trì ;
  • Òran mòr MhicLeòid ;
  • Nis o' n tha mi 'm ònaran ;
  • Dòmhnall nan Dòmhnall ;
  • Ged is socrach mo leaba.
Remove ads

Clàr-leabhraichean

  • 1938. The songs of John MacCodrum: bard to Sir James MacDonald of Sleat deas. le William Matheson (Edinburgh: Oliver & Boyd for the Scottish Gaelic Texts Society)
  • 1970. The Blind Harper: the songs of Roderick Morison and his music deas. le William Matheson (Edinburgh: Scottish Gaelic Texts Society)
  • 1973. Highland surnames. Matheson, William. (Inverness: An Comunn Gaidhealach)

Sgrìobhaidhean mu a dheidhinn

  • 1994. Thomson, D.S. (deas.) The Companion to Gaelic Scotland (Glasgow: Gairm), d.197.
  • 1998. Nancy Ross McGuire A catalogue of the papers of the Rev. William Matheson. Catalogue of papers held in the National Library of Scotland, Manuscripts Division, accession no. Acc.9711. (Aberdeen: University of Aberdeen)
  • Blankenhorn, V.S. 'The Rev. William Matheson and the Performance of Scottish Gaelic 'Strophic' Verse.'
  • 2014. Chaimbeul, Ceana. 'An t-Urr. Uilleam MacMhathain' ann an Tobar an Dualchais: Ulaidh Nàiseanta/ Kist o Riches: A National Treasure deas. le Chris Wright (An t-Eilean Sgitheanach: Tobar an Dualchais), d.97-100 (agus sa Bheurla d.101-4)
Remove ads

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads