From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e baile uabhasach mòr ann an ceann a deas na Gearmailte a th’ ann am München (IPA:ˈmʏnçən, Eadailtis: Monaco de Baviera, Beurla/Fraingis/Spàinntis: Munich, Pòlais: Monachium). Tha e suidhichte aig 518m os cionn ìre na mara ri taobh na h-aibhne Isar, anns an stàit Bayern, aig 504km air falbh bho Bherlin, 195km bho Stuttgart agus 612km bho Hamburg.[1] ‘S e Kreisfreie Stadt neo baile neo-eisimeileachd a th’ ann agus tha 16 oilthighean an seo. Tha 1,330,440 duine a' fuireach anns a’ bhaile, leis gur e an treas baile as motha na dùthcha.[2] B' e prìomh-bhaile Rìoghachd Bayern a bh' ann.
München
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | A' Ghearmailt | ||||
Ceàrn | Oberbayern | ||||
Sgìre | Bayern | ||||
Co-chomharran | 48° 08' Tuath 11° 35′ 00 Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 310 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 1,330,440 (2009) | ||||
Dlùths | 4,291.74/km² | ||||
Àireamh fòn | 089 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.muenchen.de |
Chaidh am Pàrtaidh Nàsach a stèidheachadh an seo air 24 an Gearran 1920 le Anton Drexler. Chaochail an sgrìobhadair Paul Johann Ludwig von Heyse ann am München ann an 1914 agus Alistair MacLean ann an 1987. Theab Adolf Hitler an Riaghaltas Poblachd Weimar a ghabhail os làimh ann an 1923 ann an cur-fodha stàite ann am München, air an robh ban Hitlerputsch, nach robh soirbheachail a thaobh armachd ach a bha feumail dha a thaobh chleas-follaisidh.[3]
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.