Hitlerputsch
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
B' e cur-fodha stàite a thachair ann am München ann an 1923 nach robh soirbheachail a bh' ann an Hitlerputsch air neo Cur-fodha stàite Talla Leanna/Cur-fodha stàite Mhünchen.[1] B' ann fo stiùir Adolf Hitler, Erich Ludendorff agus ball eile na Kampfbund (Gàidhlig: Lìg na Strìthe) a thachair an cur-fodha stàite seo eadar 8 an t-Samhain agus 9 an t-Samhain 1923. Theab a' ghràisg seo an Riaghaltas a ghabhail os làimh. Thug iad ionnsaigh air Poblachd Weimar ann am München an àite Bherlin - prìomh-bhaile na dùthcha - air sgàth 's gur ann anns A' Bhaidhearn 's a bha am Pàrtaidh Nàsach na bu treasa aig an àm.[2] Rinn mu 2,000 nàsach air Carragh-chuimhne air a bheil am Feldherrnhalle (Gàidhlig: Talla an t-Seanaileir), ann am meadhan a' bhaile, ach sheas na Poileis nan aghaidh. Fhuair 16 Nàsaich agus ceathrar oifigearan-poileis bàs san aimhreit agus ainneart a lean sin.[3] Bha Hitler, Frank agus Göring air an leòn. Theich Hitler gu similidh meatach ach chaidh a chur an grèim an ceann sreatha agus bha e air a dhìteadh airson traoidhtearachd. Ged nach robh an Hitlerputch soirbheachail a thaobh armachd, b' ann feumail do Nàsachd san fhad-ùine 's a bha e o chionn's gun deach beachdan Hitler a chraoladh anns na meadhannan air feadh an t-saoghail fad mìosan. Mhair a' chùis-lagha an aghaidh Hitler 24 latha, is luchd-aithris na tìre a' cluinntinn ris agus a' cur sa chlò anns na pàipearan-naidheachd na canadh esan fad an t-suibhail. Fhuair Hitler binn-prìosain fada, ach cha do chur e seachad ach naoi mìos fo ghlais is iuchair. Sgrìobh e an droch leabhar Mein Kampf (Gàidhlig: Mo Strì) fhad 's a bha e fo ghlasaibh.
Remove ads
Iomraidhean
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads