Pàrtaidh Nàsach
From Wikipedia, the free encyclopedia
B' e partaidh poileatagach às A' Ghearmailt a bha a' gabhail ri poilitigs faisisteach uabhasach fhèin cruaidh air an robh Sòisealas Nàiseanta air neo Nàsachd[1] 's a bh' ann an Nationalsozialistische Deutsche Arbeiterpartei (Gàidhlig: Pàrtaidh Sòisealach Nàiseanta nan Luchd-obrach Gearmailteach, ainm gorid Pàrtaidh Nàsach, giorrachadh NSDAP). Chreideadh na Nàsaich cuideachd ann an Gràin-cinnidh, Ain-iùdhachd, Armailteachas, Thar-ghearmailteas agus Ain-Cho-mhaoineas. Chaidh am pàrtaidh a stèidheachadh ann am München air 24 an Gearran 1920 le Anton Drexler[2] agus bha e air a sgaoileadh an dèidh a' Chogaidh air 10 an Dàmhair 1945. Theab Adolf Hitler agus Pàrtaidh Nàsach an Riaghaltas a ghabhail os làimh ann an 1923 ann an cur-fodha stàite air an robh an Hitlerputsch, nach robh soirbheachail a thaobh armachd ach a bha feumail dha a thaobh chleas-follaisidh leis gu do nochd an t-ideòlas Nàsach anns na meadhannan. Ann an Taghadh Nàiseanta ann an 1933, fhuair Pàrtaidh Nàsach 288 a-mach à 674 san Reichstag (pàrlamaid). Cha robh ach mu 60 buill a' phàirtidh ann an 1920 ach dh'fhàsadh a bhallrachd gu ruige mu 8.5 muillean ann an 1945.[3]
Nationalsozialistische Deutsche Arbeiterpartei Pàrtaidh Sòisealach Nàiseanta nan Luchd-obrach Gearmailteach | |
![]() | |
Fiosrachadh | |
Stèidheachadh | 24 an Gearran 1920 gu 10 an Dàmhair 1945 |
Luchd-stèidheachaidh | Anton Drexler |
Àite-Stèidheachaidh | München |
Oifisean | Braunes Haus, Briennerstraße 45 München |
Cathraiche | Anton Drexler (1920 - 1921) Adolf Hitler (1921 - 1945) |
Suidheachain | 1933: 288/674 |
Taghaidhean dhan Reichstag
B' ann ann an 1933 a bha na Nàsaich na bu shoirbheachaile.[4]
Buidhnean
Buill a' Phàirtidh
- Friedrich Bergius
- Martin Bormann
- Adolf Butenandt
- Adolf Eichmann
- Hans Frank
- Franz Joseph Emil Fischer
- Joseph Goebbels
- Hermann Göring
- Martin Heidegger
- Reinhard Heydrich
- Heinrich Himmler
- Philipp Lenard
- Erich Ludendorff
- Josef Mengele
- Ernst Röhm
- Ernst Rowohlt
- Max Erwin von Scheubner-Richter
- Johannes Stark
- Martin Gottfried Weiß
- Georg Wittig
Iomraidhean
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.