Nirribhidh
dùthaich ann an Lochlainn anns an Roinn-Eòrpa From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
Is e dùthaich ann an Lochlainn anns an Roinn-Eòrpa a tha ann an Nirribhidh.[1][2][3][4][5][6][7] A chionn 's gu bheil dà chànan ann an Nirribhidh, tha dà ainm oifigeil ann: Kongeriket Norge (bokmål) agus Kongeriket Noreg (nynorsk). Tha iad a’ ciallachadh Rìoghachd Nirribhidh. Tha crìochan aige leis an t-Suain anns an Ear agus leis an Ruis agus le Suomaidh anns an Earra thuath. Anns an Iar den dùthaich tha a' Chuan Siar ann. Tha Svalbard, eileanan beaga anns a’ Chuan Argtach, pàirt den Nirribhidh cuideachd. Tha Oslo na prìomh-bhaile. 'S e Baroniet Rosendal.[8] a th'ann an aon Baranachd na dùthcha.
Remove ads
Eachdraidh
Eadar 1397 agus 1523 bhuineadh an dùthaich dhan Aonadh Kalmar.[9] Bha Nirribhidh na pàirt Aonadh Nirribhidh agus An t-Suain gu ruige 1905.
Daoine ainmeil
- Roald Amundsen, rannsachair agus a chiad sheòladair a rinn a shlighe tro Seòlaid an Iar-Thuath anns na bliadhnaichean 1903 - 1906.
- Bjornstjerne Martinus Bjornson, sgrìobhadair Nirribheach, a bhuannaich e an Duais Nobel ann an Litreachas anns a’ bhliadhna 1903.
- Knut Hamsun, sgrìobhadair eile, a bhuannaich an Duais Nobel ann an Litreachas anns a' bhliadhna 1920.
- Lars Onsager à Oslo a bhuannaich an Duais Nobel ann an Ceimigeachd anns a' bhliadhna 1968.
Remove ads
Bailtean as Motha
Seo liosta na deich bailtean as motha na dùthcha a leanas:[10]
- Oslo
- Bergen
- Stavanger
- Trondheim
- Fridrikstad
- Drammen
- Porsgrunn
- Kristiansand
- Tromsø
- Tønsberg
Iomraidhean
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads