Aonadh Nirribhidh agus An t-Suain

From Wikipedia, the free encyclopedia

Aonadh Nirribhidh agus An t-Suain
Remove ads

B' e stàit air a stèidheachadh air aonadh pearsanta an Rìgh a bh' anns an Aonadh Nirribhidh agus An t-Suain (Nirribhis: Den svensk-norske union,[1] Suainis: Svensk-norska unionen[2]). Chaidh a chruthachadh ann an 1814 tro aonadh Rìoghachd Nirribhidh agus Rìoghachd na Suaine. Chruthachadh Aonadh Nirribhidh agus An t-Suain air sàilleabh gun do bhris dlùth dhàimh a bha aig Nirribhidh leis An Danmhairg, leis gu robh An Danmhairg ann an caidreachas leis An Fhraing, fo bhuaidh Napoleon Bonaparte.[3] Chaidh polasaidhean nan Dùthchannan Cèin air a stiùireadh bho Stockholm, ach bha a h-uile càil eile air a rèiteachadh fa leth, fiù 's an t-Arm. Bhris an t-Aonadh a-mach às a chèile ann an 1905 mu dheireadh thall, air sàilleabh gu robh Nirribhidh dhen bheachd nach b' e deagh làimhseachadh a bha iad a' faighinn bhon t-Suain.[4] Fhuair Nirribhidh cuideachadh bho luchd-poileataigs na làimhe chlì anns an t-Suain, mar Klas Pontus Arnoldson agus Hjalmar Branting - a bhuannaich an Duais Nobel airson Sìthe. Le sin, chaidh cogadh a sheachnadh.[5]

Quick Facts
Remove ads

Rìghrean an Aonaidh

  • Karl VIII na Suaine/Karl II Nirribhidh (1814 - 1808)
  • Karl XIV Johan na Suaine/Karl III Johan Nirribhidh (1818 - 1844)
  • Oscar I na Suaine agus Nirribhidh (1844 - 1859)
  • Karl XV na Suaine/Karl IV Nirribhidh (1859 - 1872)
  • Oscar II na Suaine agus Nirribhidh (1872 - 1905)

Iomraidhean

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads