Belisario Betancur Cuartas

From Wikipedia, the free encyclopedia

Belisario Betancur Cuartas
Remove ads

B' e fear-lagha, agus riochdaire dioplòmasach agus neach-poileataigs à Coloimbia a bh’ ann am Belisario Antonio Betancur Cuartas (Amagá, 4 an Gearran 1923 - Bogotá, 7 an Dùbhlachd 2018).[1] Bha e na cheann-suidhe Choloimbia bho 7 an Lùnastal 1982 gu 7 an Lùnastal 1986.[2] 'S ann do theaghlach beairteach a bhuineas e.[3] Chaidh e dhan Oilthigh Bholivariana. Phòs e aig Rosa Helena Álvarez Yepes, à Medellín, ann an 1945 agus rug i triùir duine-cloinne dha.[4] Bha ise dìreach 21 bliadhna a dh'aois aig an àm. Chaochail i ann an 1998. Phòs Betancur a-rithist ann an 2000 aig Dalia Rafaela Navarro Palmar.

Quick facts ambassador of Colombia (en), ball Seòmar Riochdairean Choloimbia ...

Thoisich e ann am Poileataigs mar chomhairliche ann an Antioquia eadar 1945 agus 1947.[5] Bha tòrr eòlasan aig san Riaghaltas: bha e na Mhinistear an Fhoghlaim fo Alberto Lleras Camargo fad corra mìos ann an 1960: na mhinistear na h-Obrach fo Ghuillermo León Valencia bho 1962 gu 1963.[6] A bharrachd air sin, chuir e seachad dà bhliadhna thall thairis na thosgaire san Spàinn, bho 1975 gu 1977. B' esan an aon bhall-chruinneachaidh a thug taic do Mhariano Ospina Pérez an aghaidh Ghustavo Rojas Pinilla. Bha e na thagriache neo-oifigeil an aghaidh Mhisael Pastrana Borrero ann an 1970, ach chaill e.

Chaidh Betancur a thaghadh ann an 1982, mu dheireadh thall.[7] B' fheudar dha dèiligeadh ri iomadh dùbhlan nuair a bha e os cionn an Riaghaltais. Ghlac buidheann cheannairceach, air an robh M-19, an àrd-chùirt: Cha do rèitich betancur riutha agus thug e òrdughan dhan Arm: chaochail mòran ann am batal eadar saighdearan agus Reubaltaich.[8] Chaidh còrr is 25,000 duine a mharbhadh nuair a spreadh a' beinn-teine Nevado del Ruiz ann an 1985, a rinn sgrios air Armero: dh'fhàgadh air an Riaghaltas gu robh laigsean mòra anns dòigh a dhèilig iad ris an t-suidheachadh.[9] Dhiùlt esan Cupa na Cruinne a chumail: thuirt e nach b' urrainn do Choloimbia am farpais fhaighinn agus gu robh esan airson an t-airgead a' caitheamh ann an leasachadh na dùthcha. 'S e Colombia an aon dùthaich a dhiùlt am farpais fhaighinn a-riamh.[10]

Remove ads

Ministearan

  • Rùnaire na Stàite: Rodrigo Escobar Navia (1982-1984)/Jaime Castro Castro (1984-1986)
  • Ministear nan Dùthchanan Cèin: Rodrigo Lloreda Caicedo (1982-1984)/Augusto Ramírez Ocampo (1984-1986)
  • Ministear a' Cheartais: Bernardo Gaitán Mahecha (1982-1983)/Rodrigo Lara Bonilla (1983-1984)/Enrique Parejo González (1984-1986)
  • Ministear an Ionmhais: Edgar Gutiérrez Castro (1982-1983)/Roberto Junguito Bonnet (1983 - 1984)/Hugo Palacios Mejía (1985-1986)
  • Ministear an Dìona: Fernando Landazábal Reyes (1982-1984)/Gustavo Matamoros D`Costa (1984-1985)/Miguel Vega Uribe (1985-1986)
  • Ministear an Àiteachais: Roberto Junguito Bonnet (1982-1983)/Roberto Mejía Caicedo (1983-1985)/Gustavo Castro Guerrero (1985-1986)
  • Ministear na h-Obrach agus Sochran Sòisealta: Jaime Pinzón López (1982-1983)/Guillermo Alberto González (1983-1984)/Germán Bula Escobar (1984) | Jorge Carrillo Rojas (1984-1986)
  • Ministear na Slàinte: Jorge García Gómez (1982-1984)/Jaime Arias Ramírez (1984-1985)/Rafael de Zubiria Gómez (1985)/Efraín Otero Ruíz (1985-1986)
  • Ministear an Leasachadh Eaconomach: : Roberto Gerlein Echeverría (1982-1983)/Hernán Beltz Peralta (1983)/Rodrigo Márin Bernal (1983-1984)/Gustavo Castro Guerrero (1984-1986)
  • Ministear Mèinnean agus Lùths: Carlos Martínez Simahan (1982-1984)/Álvaro Leyva Duran (1984-1985)/Iván Duque Escobar (1985-1986)
  • Ministear an Fhoghlaim: Jaime Arias Ramírez (1982)/Doris Eder de Zambrano (1984-1985)/Liliam Suárez Melo (1985-1986)
  • Ministear a' Chòmhdhail: José Fernando Isaza Delgado (1982-1983)/Hernán Beltz Peralta (1983-1985)/Rodolfo Segovia Salas (1985-1986)
  • Ministear a' Conaltraidh: Bernardo Ramírez Rodríguez (1982)/Noemí Sanín Posada (1982-1986)
Remove ads

Iomraidhean

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads