Erich Ludendorff

From Wikipedia, the free encyclopedia

Erich Ludendorff
Remove ads

B' e saighdear, neach-teòiridh armailteach agus neach-poileataigs Nàsach às A' Ghearmailt a bh' ann an Erich Friedrich Wilhelm Ludendorff (Ludendorff, 9 an Giblean 1865 - München, 20 an Dùbhlachd 1937).[1] Rugadh agus thogadh e ann am baile beag air an robh Ludendorff - Kruszewnia sa sa Phòlainn a-nis - agus bhuinneadh e do theaghlach Pròstanach iar-fhlaitheach - bha athair na Junker.[2] Fhuair e a chuid foghlaim aig dà acadamaidh armailteach: an Kadettenschule ann am Plön agus an Hauptkadettenschule ann an Groß-Lichterfelde (Berlin). Ghabh e pàirt ann an dealbhachadh a' Plana Schlieffen, airson ionnsaigh a thoirt air An Fhraing agus bhuannaich e dà bhatail sa Chogadh Mhòr, aig Liège agus Tannenberg.[3] Bha e na bhall a' Phàirtidh Nàsach on toiseach-toisichidh agus bha e an sàs ann an Hitlerputsch ann an 1923.[4] Sheas e airson ceann-suidhe na Gearmailt an aghaidh Hindenburg ann an 1925 ach cha d' fhuair e ach 1.1% nam bhòtaichean. Bha fuath is gràin aige air Saor-chlachairean, Iùdhaich agus Caitligich, gu seachd-àraidh Luchd a' Comainn Iosaid. Chaochail e le aillse ann an 1937.

Quick facts ball an Reichstag ann am Poblachd Weimar, Beatha ...
Remove ads

Iomraidhean

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads