Hans Frank
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
B' e neach-lagha neach-poileataigs agus eucoireach-cogaidh Nàsach às A' Ghearmailt a bh' ann an Hans Michael Frank (Karlsruhe, 23 an Cèitean 1900 - Nürnberg, 16 an Dàmhair 1946).[1] Rugadh agus thogadh Franks ann an Karlsruhe agus bhuinneadh e do theaghlach bùirdeasach Caitligeach - bha athair na neach-lagha agus bha seanair na bhancair. Fhuair e a chuid foghlaim aig Oilthigh Mhünchen agus Oilthigh Kiel. Bha e na bhall an DAP - ro-ruithear a' Phàirtidh Nàsach - agus bha e an sàs ann an Hitlerputsch ann an 1923.[2] B' e neach-lagha pearsanta Adolf Hitler a bh' ann am Franks. Chaidh ainmeachadh Riaghladair-Coitcheann na Pòlainne - fo smachd na Gearmailte - ann an 1939 agus le sin b' e Franks fhèin a os cionn ceithir campaichean-losgaidh.[3] Chuir e air dòigh siostam ceannairceachd na stàite, murt, tràilleachd agus uile-losgadh. Bha Franks air a dhìteadh an dèidh a' Chogaidh agus chaidh a chrochadh air 16 an Dàmhair 1946 airson an uilc a rinn e.
Remove ads
Iomraidhean
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads