Johan Cruyff

From Wikipedia, the free encyclopedia

Johan Cruyff
Remove ads

B' e cluicheadair agus manaidsear ball-coise às Na Tìrean Ìsle a bh' ann an Johan Cruyff (IPA: ˈjoːɦɑn ˈkrœy̆f, ainm slàn: Hendrik Johannes Cruijff, Amsterdam, 25 an Giblean 1947Barcelona, 24 am Màrt 2016).[1]

Quick Facts Beatha, Ainm slàn ...
Remove ads
Remove ads

Cluicheadair

Thoisich Cruyff ri cluiche còmhla ri Ajax, sgioba a bhaile aige fhèin, ann an 1957, nuair a bha e na bhalach òg. Chaidh e dhan sgioba mòr ann an 1964,[2] far a chuir e seachad 9 bliadhna, mus do chuir e ainm do chùmhnant airson Barcelona, thall san Spàinn.[3] Dh'fhuirich e an-siud is e na chluicheadair gu ruige 1978. nuair a dh'fhàg e an Roinn-Eòrpa airson na Los Angeles Aztecs, fad seusan, agus seusan eile leis na Washington Diplomats sna Stàitean Aonaichte. An uair sin thill e dhachaigh gu Levante, ann an València, Ajax a-rithist agus mu dheireadh thall seusan le Feyernoord ann an Rotterdam. A bharrachd air sin, chluich e 48 geamaichean airson sgioba nàiseanta nan Tìrean Ìsle.

Remove ads

Manaidsear

An dèidh Feyernoord a leigeil ann an 1984, thoisich e a bhith na mhanaidsear còmhla ri Ajax, far an do chuir e seachad trì bliadhna.[4] Thill e gu Barcelona ann an 1988,[5] far an robh e uabhasach soirbheachail mar mhanaidsear fad ochd bliadhna. Leig e dheth a dreuchd an siud ann an 1996. Bha e os cionn sgioba nàiseanta Catalòinia eadar 2009 is [2011].[6] Phòs Cruyff le Danny Coster ann an 1968. Tha triùir duine-chloinne aca: Chantal, Susila agus Jordi. Thug iad an t-ainm Jordi air nuair a bha na h-ainmean Catalanach mì-laghail san Spàinn, ri linn Deachdaireachd Franco. Tha na daoine ann an Catalòinia uabhasach measail air air a shon. Thathar dhen gur e an cluicheadair as fheàrr a bh' ann a-riamh san Roinn-Eòrpa.[7]

Chaochail e ann an 2016.[6]

Remove ads

Ceanglaichean a-mach

Iomraidhean

Loading content...
Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads