Per Teodor Cleve

From Wikipedia, the free encyclopedia

Per Teodor Cleve
Remove ads

B' e creag-eòlaiche, ceimigear, mèinn-eòlaiche is bith-eòlaiche às an t-Suain a bha ann am Per Teodor Cleve. Rugadh e ann an Stockholm agus dh'ionnsaich e aig Gymnasium Stockholm. Chaidh e na ollamh ceimigeachd aig an Oilthigh Uppsala, far an robh e na oileanach, ann an 1874. Mhol e ann an 1874 gum b' e dà eileamaid a bha ann an didymit agus dhearbhaich Carl Auer von Welsbach seo ann an 1885 nuair a lorg e prasodimium agus neodimium. Ann an 1879 lorg Cleve tuilium agus dh'ainmich e hoilmium. Mus do lorg Cleve is Nils Abraham Langlet helium ann an clach uranium ann an 1895, chan fhacas helium ach ann an reultan.

Quick facts Beatha, Breith ...

Bha ùidh mhòr cuideachd aige ann am plancton agus dà-ataman is ghabh e pàirt sa' chuairt Shuaineach rannsachaidh a Spitsbergen ann an 1898. B' e a' chiad neach-saidheans a thug taic do na teòiridhean Darwin a bha ann an Cleve.[1]

Bhuannaich e am Bonn-cuimhne Davy ann an 1894.[2] Dh'ainmicheadh am mèinnear cleveit a rèir Cleve gus urram a thoirt dha. Bhuannaich ogha Ulf von Euler an Duais Nobel ann an Leigheas ann an 1970.[3]

Remove ads

Iomraidhean

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads