Sardainia
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
'S e Sardainia neo Sàrdainea[1] (Sàrdais: Sardigna, Sardinna no Sardíngia, Eadailtis: Sardegna, Catalanais: Sardenya, Beurla: Sardinia), an dàrna eilean as motha anns a' Mhuir Mheadannach. Tha e suidhichte mu 202 km bho thìr-mhòr na h-Eadailt agus mu 184 km san àird a tuath Tuinisia. Tha Menorca, eilean Spàinnteach anns na h-Eileanan Balèarach mu 335 km san àird an iar Sardainia.
Sardainia
| |||||
![]() | |||||
![]() | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Eadailt | ||||
Prìomh-bhaile | Cagliari (en) ![]() | ||||
Feartan fiosaigeach |
'S e Cagliari am prìomh-bhaile aige.
Remove ads
Sgìrean

'S e Sardainia aon de na còig roinnean neo-eisimeileach den Eadailt.
Bho thùs bha trì sgìrean poilitigeach ann an Sardainia fhèin: Cagliari, Sassari is Nuoro. Anns a' bhliadhna 1974 chaidh an sgìre Oristano a chruthachadh. Bho 2005 a-mach tha ceithir sgìrean ùra eile ann: Olbia-Tempio, Ogliastra, Carbonia-Iglesias agus Medio Campidano.
Remove ads
Cruinn-eòlas
Tha Sardinia cho mòr ri 24.090 km2 agus ann an 2009 bha 1.672.404 a' fuireach ann.
Le 150 km a dh'fhad,'s e Tirso an abhainn as motha ann an Sardainia, tha e anns an taobh an iar dhen eilean. Tha an Coghinas 123 km a dh'fhad agus anns an àird an earra-dheas tha am Flumendosa (122 km) ann.
'S iad am Punta La Marmora (1834 meatair a dh'àrd) agus am Bruncu Spina (1829 m) na beanntan as àirde. Tha iad suidhichte ann am meadhan Shardainia anns na ruith-bheanntan Gennargentu. Ann an ceann a tuath an eilein tha am Monte Limbara, tha e 1359 m a dh'àrd. Uaireannan lorgar òr is airgead anns na beanntan Shardainia.
Remove ads
Cànanan
Ged a tha Eadailtis aig muinntir an eilean gu lèir. tha Sàrdais aig 80% dhiubh.
Iomraidhean
Ceanglaichean a-mach
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads