Romàinia

From Wikipedia, the free encyclopedia

Romàinia
Remove ads

Is e dùthaich anns an earra-dheas na h-Eòrpa a tha ann an Romàinia[1][2][3][4], Ròmainia[5][6] (IPA: ro.mɨˈni.a) neo Romania.[7] Tha crìochan aice leis an Ungair agus an t-Sèirb anns an ear, leis an Ucràin agus leis a' Mholdobha san earra thuath, agus le Bulgàiria sa deas. Tha Bucharest na phrìomh-bhaile. Ged a tha Ròmainis na cànan oifigeil san dùthaich air fad, tha Ungairis, Gearmailtis, Ucràinis, Croatais is Sèirbis nan cànain oifigeil ann an roinnean sònraichte.

Quick Facts Pàirt de, Cur air cois ...
Remove ads

Eachdraidh

Bha Romàinia na phàirt Impireachd nan Otomanach ro 1878. Bha Romàinia fo smachd an deachdaire Ion Antonescu tron Dàrna Chogadh. Dh' fhosgaladh campaichean-losgaidh agus dhèanadh murt air Iùdhaich agus Daoine Rroma, fiù's mus dh'iarr Hitler air Romàinia gun gabhadh iad ri Uile-losgadh Nàsach nan Iùdhach agus nan Rroma.[8] Aig deireadh a' Chogaidh chaidh Antonescu dhìteadh agus a chur gu bàs airson an uilc a rinn e.[9] Ghabh am Pàrtaidh Comunnach Romàinia os làimh Riaghaltas Romàinia ann an 1944 ann an cur-fodha stàite le taic on Aonadh Sobhiatach, ann an 1944 agus chumadh e Ròmainia fo smachd, agus gu math dlùth air Stalin, gu ruige Ar-a-mach na Nollaig 1989.[10] Bhuineadh Romàinia dhan Cho-aonta Warszawa eadar 1955 agus 1990. Fo Nicolae Ceauşescu, b' e an Securitate an t-seirbheis phoileis dhìomhair na bu bhrùideile san t-saoghal air fad, agus iad a' gabhail ri ainneart, craonadh agus murt gu leòr. Thathar daonnan a' cantainn gu robh neach-fiosrachaidh na Securitate anns gach uile oifis, sgoil, taigh-gnìomhachais neo bloca fhlataicheanAnn an 2009 ghabh an dùthaich ri NATO.[11]

Remove ads

Daoine ainmeil

Remove ads

Bailtean as motha

Siorrachdan

Ann an 1968 chaidh fearrann Romàinia air a roinneadh ann an 41 siorrachdan (Romàinis: județe, IPA: ʒuˈdetse), stèidhichte, gu ìre, air na roinnean a a bh' ann eadar 1859 agus 1950.

Remove ads

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads