From Wikipedia, the free encyclopedia
Bha Alice Ann Munro née Laidlaw (rugadh 10 an t-Iuchar 1931, chaochail 13 an Cèitean 2024) na sgrìobhadair Canadianach a sgrìobh ann am Beurla.
Alice Munro | |
---|---|
Beatha | |
Ainm slàn | Alice Ann Laidlaw |
Breith | Wingham (en) , 10 dhen Iuchar 1931 |
Dùthaich | Canada |
Ciad chànan | Beurla |
Bàs | Port Hope (en) , 13 dhen Chèitean 2024 |
Teaghlach | |
Cèile |
James Munro (en) (1951 - 1972) Gerald Fremlin (en) (1976 - 17 dhen Ghiblean 2013) |
Foghlam | |
Foghlam | Oilthigh Ontario an Iar |
Cànain | Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | sgrìobhadair, sgrìn-sgrìobhaiche, nobhailiche, sgrìobhadair sgeulachdan goirid agus neach-naidheachd |
Àitichean-obrach | Clinton (en) agus Ontario |
Obraichean comharraichte |
Too Much Happiness (en) Dear Life (en) Something I've Been Meaning to Tell You (en) |
Duaisean a fhuaras |
liosta
|
Ainmeachadh airson duaisean |
liosta
|
Buaidh | John Updike (en) |
Ballrachd |
Acadamh Aimeireaga nan Ealan is nan Saidheans Comann Rìoghail an Litreachais |
Gnè ealain | sgeul goirid |
IMDb | nm0613084 |
Choisinn i iomadh duais, nam measg an Duais Nobel ann an Litreachas ann an 2013.[1]
Rugadh Munro leis an ainm Alice Ann Laidlaw ann an Wingham, Ontario.[2] Bha tuathanas le madaidhean agus mincean aig a h-athair, Robert Eric Laidlaw.[3] B' e tidsear sgoile a bh' anns a màthair, Anne Clarke Laidlaw (née Chamney).
Thòisich i a' sgrìobhadh nuair a bha i na deugaire. Ann an 1950, fhad's a bha i a' dèanamh Beurla aig Oilthigh Western Ontario, dh'fhoillsich i a ciad sgeulachd, "The Dimensions of a Shadow".[4][5] Dh'fhàg i an oilthigh nuair a phòs i agus dh'imrich i a Columbia Bhreatannach far an do chuir i bùth leabhraichean air dòigh leis an duine aice.[2]
Bha i pòsta aig James Munro bho 1951 gu 1972 agus aig Gerald Fremlin bho 1976 gu àm a bhàis ann an 2013. Bha triùir chloinne aice.
Tha Munro ainmeil airson a cuid sgeulachdan goirid. Thathar ag ràdh gun tug i buaidh mhòr air structar an sgeulachd goirid ann am Beurla leis mar a bhios an t-àm a' gluasad air ais is air adhart anns na sgeulachdan.[6] Mar as tric, tha a cuid ficsean stèidhichte ann an sgìre far an deach a h-àraich, sgrìre Huron air taobh an iar-dheas Ontario.[7]
Thuirt i gun tug na sgrìobhadairean seo buaidh oirre: William Maxwell, Eudora Welty, John Updike, Carson McCullers, Katherine Anne Porter, Flannery O'Connor, James Agee, Cheever, Joyce Carol Oates, Peter Taylor, William Trevor, Edna O'Brien, Richard Ford.[8]
Ann an 2009, bhuannaich i am Man Booker International Prize airson a cuid saothair gu lèir.[9]
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.