Slobozia
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
'S e baile meadhannach eadar Călărași agus Buzău, air an àirde an ear-dheas Romàinia a th' ann an Slobozia (IPA: ˈsloboˈzja, seann ainm: Vaideei, Gearmailtis: Freistadt). Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Ialomița, aig 20m os cionn ìre na mara, san t-siorrachd (Romàinis: Județ) Ialomița. Tha 45,891 duine a' fuireach ann.[1]
Slobozia Freistadt
| |||||
![]() | |||||
![]() | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | ![]() | ||||
Ceàrn | ![]() | ||||
Co-chomharran | 44° 33 54' Tuath 27° 21 49' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 132.87 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 45,891 (2011) | ||||
Dlùths | 345.38/km² | ||||
Àireamh fòn | +40 02 43 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
Remove ads
Eachdraidh
'S ann às an fhacal Слобод (Gàidhlig: saor) ann am Bulgàiris 's a tha an t-ainm leis gu robh am baile saor bho chìsean. B' e seo an dòigh anns an do bhronsaicheadh imrich a-steach dhan sgìre seo, faisg air na crìochan le Impireachd nan Otomanach agus a h-uile cunnarach a bha an lùib sin. Ann an Romàinis chanadh slobozie ri baile ùr saor bho chìsean. Chaidh Slobozia a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1594 mar Slobozia de Vaideei. Bhuinneadh e do Țara Românească bho thùs gu ruige 1859.[2] Thug pleanaichean-cogaidh na Gearmailt ionnsaigh air Slobozia anns A' Chogadh Mhòr. B' ann air 30 an Lùnasdal 1944 a thuit am baile gu feachdan Romàinianach, aig deireadh An Dàrna Cogaidh. Chaill 15 Romàinianaich agus 89 Gearmailtich am beatha. Bha làmh an uachdair aig na Romàinianaich o chionns gu robh stèisean beairt-ghunna aca shuas sa mhainistir.[3] Air 22 an Dùbhlachd 1989, agus Nicolae Ceauşescu a' teiche, nochd neach-teagaisg air an robh Oliviu Vlădulescu air beulaibh oifisean a' Phàirtidh Chomunnaich agus dh'èigh e: Ieșiți afară, comuniștilor! Plecați! A căzut Ceaușescu al vostru, plecați! (Gàidhlig: a-mach à seo, a chomunnaich! falbh! Tha ur Ceauşescu air thuiteam! falbh!). Thàinig na daoine dhan t-sràid agus, fad ceithir latha, chaill seachdnar am beatha san aimhreit, dithis ball na Securitate nam measg.
Remove ads
Daoine ainmeil
Bailtean co-cheangailte
Astairean gu Bailtean eile
Remove ads
Iomraidhean
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads