From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e eaconomaiche, neach-poileataigs agus riochdaire dioplòmasach à Coloimbia th’ ann an Ernesto Samper Pizano (Bogotá, 24 an Dàmhair 1950).[1] Bha e na cheann-suidhe Choloimbia eadar 7 an Lùnastal 1994 agus 7 an Lùnastal 1998 agus tha e a’ buntainn do theaghlach Uachdaran uabhasach cumhachdail.[2] B’ e bard ainmeil a bh’ ann a shin-sheanair, Jorge Fallon. Chaidh Samper Pizano dhan Oilthigh Javeriana ann am Bogotá agus dhan Oilthigh Cholumbia ann an Eabhraig Nuadh. Phòs e aig Silvia Arbeláez à Bogotá ann an 1972 agus rug i dithis duine-cloinne dha.[3] Dhealaich iad ann an 1975 agus phòs e a-rithist ann an 1979, an turas seo aig Jacquin Strouss Lucena, à Medellín. Rug i dithis balach eile dha. S’ iad boireannaich gu math beairteach a th’ annta, a bhuineas gu clas sòisealta àrd.
Ernesto Samper | |||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|
7 dhen Lùnastal 1994 - 7 dhen Lùnastal 1998 ← César Gaviria Trujillo - Andrés Pastrana Arango →
18 dhen Dàmhair 1995 - 7 dhen Lùnastal 1998 ← Suharto - Andrés Pastrana Arango → | |||||||
Beatha | |||||||
Breith | Bogotá, 3 dhen Lùnastal 1950 | ||||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||||
Teaghlach | |||||||
Athair | Andrés Samper Gnecco | ||||||
Cèile | Jacquin Strouss Lucena (en) (16 dhen Ògmhios 1979 - | ||||||
Clann | |||||||
Bràithrean ⁊ peathraichean | |||||||
Foghlam | |||||||
Foghlam | Oilthigh Javeriana | ||||||
Cànain | Spàinntis | ||||||
Dreuchd | |||||||
Dreuchd | dioplomat, neach-lagha, eaconamaiche agus neach-poileataigs | ||||||
IMDb | nm0760064 |
‘S e ball a’ Phàrtaidh Libearalaich Choloimbia a th’ ann Samper Pizano agus tha e air a bhith an lùib poileataigs aig àrd ìre fad a bheatha. Chaidh e dhan t-Seanadh ann an 1986 agus bha e na sheanadair gu ruige 1990. Fhuair e bliadhna na mhinistear Leasachadh Eaconomach eadar 1990 agus 1991 fo César Gaviria Trujillo agus an uair sin chaidh e thall thairis na thoscair anns An Spàinn. Thill e a Choloimbia ann an 1993. An ceann bliadhna chaidh a thaghadh na cheann-suidhe agus, a rèir an lagha aig an àm, chan d’ fhuair e ach teirm san dreuchd. Bha e gu math connspaideach agus dh’fhàgadh airsan gun d’fhuair e airgead o luchd-reic drogaichean à Cali airson an iomairt phoileataigeach aige a mhaoineachadh. Thuirt Andrés Pastrana Arango, an ath cheann-suidhe, gu robh fianais ann, teipichean na measg, a dhearbhadh gun tug na luchd-reic drogaichean còrr is $6 muillean dòlar dha. B’ e sganal mòr a bh’ ann a rinn cròn air ach cha do deach e idir gu taigh-cùirte air sàilleabh gu robh dìonachd o chasaid aige. Tha Samper a-nis nma leas cheann-suidhe UNASUR, agus bha e os cionn NAM eadar 1995 agus 1998.
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.