Astatain

From Wikipedia, the free encyclopedia

Astatain
Remove ads

'S e eileamaid cheimigeach a tha ann an astatain le samhla At agus àireamh atamach 85.[1] Tha e cho rèidio-bheò 's gum biodh sampla faicsinneach a' deatachadh leis an rèididheachd agus tha na feartan astatain fhathast mì-shoilleir. Tha astatain glè rèidio-bheò agus cha lorgar seo ann an àrainneachd. Rinneadh caractarachd ri 37 iosatòpaichean de dh'astatain. Tha an leth-bheatha aig an iosatòp as seasmhaiche, 210At, 8.1 uairean a thìde.

Quick Facts Clàr pillteach, Buadhan ...
Remove ads

Eachdraidh

Ann an 1940 rinn Dale R. Corson, Kenneth Ross MacKenzie agus Emilio G. Segrè astatain aig an Oilthigh Chalafòrnia, Berkeley le greasadair-mhìrean. Dh'ainmich iad astatain air a' Ghreugach ἄστατος, "neo-sheasmhach".

Cleachdadh

Tha luchd-saidheans a' rannsachadh astatain-211 ann an gath-leigheas. 'S e tobar mìrean-alpha a tha ann agus tha a leth-bheatha 7.21 uairean a thìde. Mar aidhodain, tha astatain a' co-chàrnadh anns a' fhàireag sgiathach.

Iomraidhean

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads