Litium

From Wikipedia, the free encyclopedia

Litium
Remove ads

'S e eileamaid cheimigeach a tha ann an litium le samhla Li agus àireamh atamach 3.[2]

Quick Facts Clàr pillteach, Buadhan ...

'S e meatailt alcalaidh a tha ann, agus tha e soladach aig teòthachd sheòmair. Tha ceimigeachd na litium coltach ri ceimigeachd an sodium, potasium is eileamaidean eile anns a' chiad cholbh a' chlàr pillteach. Tha e lasanta agus e ag iom-obrach gu luath cuide ri uisge, mar sin taisgear e mar as trice fo ola.

Lithium battery

Tha dà ioso-top seasmhach agus nàdarra aig litium, 6Li agus 7Li.

Remove ads

Taisgealadh

Ann an 1817 lorg Johan August Arfwedson eileamaid ùr ann am peatalait. Dh'ainmich Jöns Jacob Berzelius e litium air a' Greugach λίθος, no "clach".[3] Ann an 1821 rinn William Thomas Brande lithium fìor-ghlan nuair a chuir e sruth dealain tro litium ogsaid.

Cleachdadh

Cleachdar litium ann am bataraidhean, ann an crèis agus ann am puisteal is glainne. Tha i a' lùghdachadh teòthachd leaghaidh na glainne.

Tha a' mhòr-chuid de litium anns an t-saoghail a' dol bho mhèinnean ann an Aimearaga a Deas, Sìona agus Astràilia ach tha tùsan anns an Roinn Eòrpa cuideachd.[4]

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads