Haidridean

From Wikipedia, the free encyclopedia

Haidridean
Remove ads

S e eileamaid cheimigeach a tha ann an haidridean le samhla H agus àireamh atamach 1.[2]

Hydrogen Spectrum Test
Quick Facts Clàr pillteach, Buadhan ...

'S e gas dà-atamach aig an teothachd sheòmair a tha ann. 'S e an atam as aotruime agus as lugha a tha ann an atam haidridein. Tha trì iosatòpaichean cumanta de haidridean, 1H (seasmhach),[3] 2H no deuterium (seasmhach) agus 3H no tritium le leth-bheatha 4500 làithean.[4]

Remove ads

Taisgealadh

Ann an 1671 dh'ainmich Henry Cavendish an gas a tha an iom-obrachadh eadar meatailtean agus searbhag "adhar lasanta". Ann an 1783 dh'ainmich Antoine Lavoisier an gas sin "hydrogène" o chionn 's gu bheil haidridean a' cinneasachadh uisge nuair a tha i a' losgadh.

Reul-eòlas

Anns an tràchdas aice, dhearbhaich Cecilia Payne-Gaposchkin gu bheil a' Ghrian agus na reultan eile dèanta de haidridein.

Cleachdadh

Tha am pròiseas Haber a' cruthachadh amòinia airson stuth-mathachaidh is stuth-spreadhaidh à haidridean agus naitridean. Chleachdadh haidridean ann an longan-adhair ach tha e ro spreadhach. An dèidh don spreadhaidh an luing-adhair Hindenburg ann an 1937 tha longan-adhair a' cleachdadh helium.

Cleachdar deuterium ann an readhactaran niùclasach agus ann an speactromachd.

Cleachdar tritium airson solasachadh ann an uaireadairean agus soidhnichean.

Iomraidhean

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads