Iarann
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
Is e eileamaid cheimigeach a tha ann an iarann le samhla Fe (Laideann: ferrum) agus àireamh atamach 26.
Is e meatailt trastach bog a tha ann. Tha ceithir isotòpaichean nàdarra aige, 54Fe (5.8%), 56Fe (91.8%), 57Fe (2.1%) agus 58Fe (0.3%).[1]
Remove ads
Eachdraidh
Chleachdadh iarann san Èipheit mu thuairmse 3500 RC. Thàinig an t-iarann seo à dreagan.
Alotròpaichean

'S e an cruth as cumanta aig bruthaidhean àbhaisteach a tha ann α-iarann, no ferrit. Cha urrainn do 0.021% de charboin a ruith ann an α-iarann.
Ach eadar 910 °C is 1394 °C de theothachd tha iarann a' gabhail na γ-iarann, no austenit. Dh'ainmicheadh an cruth seo air William Chandler Roberts-Austen, eòlaiche ann an obair-mheatailt san 19mh linn. 'S urrainn do 2% de charboin a ruith anns an cruth seo. Tha e glè chudromach airson cinneasachadh stàilinn.
Remove ads
Cleachdadh
Tha clach-iarainn ga theasachadh ann am fùirneis-iarainn. Tha sin a' cruthachadh iarainn mòlltaichte, mu 4% carbon, a tha brisg agus cruaidh. Ma tha iarann mòlltaichte ga theasachadh le Fe2O3 (haematit), tha sin a' cruthachadh iarann toinnte, mu 0.08% carbon, ach tha a' mhòr-chuid de chlach-iarainn a' dol na stàilinn.[2] Cleachdar iarann ann an gnìomhachas na togalach, mar as trice ann an stàilinn, air sgàth 's gu bheil stàilinn nas cruaidhe na iarann fìor-ghlan. Tha am pròiseas Haber a' cleachdadh co-thàthaidhean iarainn mar stuthan-chatailis.
Iomraidhean
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads