Seaborgium
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
'S e eileamaid cheimigeach a tha ann an seaborgium le samhla Sg agus àireamh atamach 106.
Remove ads
'S e meatailt trastach glè rèidio-bheò agus fuadain a tha ann. Tha an cor ogsaidicheadh VI cudromach sa' cheimigeachd de sheaborgium, mar eisimpleir ann an seaborgium ogsaiclòraid, SgO2Cl2.
Rinneadh caractarachd ri 12 iosatòpaichean de sheaborgium. Tha 271Sg, le leth-bheatha 2.4 mionaidean, as seasmhaiche.
Remove ads
Eachdraidh
Thagair sgioba aig an Co-institiud airson Rannsachadh Niùclasach ann an 1974 gun do rinn iad eileamaid 106 nuair a bhuail iad luaidhe-207 le aidheonan cròmium-54.[2] Thagair sgioba Albert Ghiorso ann am Berkeley ann an aon bliadhna gun do rinn iadsan an eileamaid nuair a bhuail iad calafòrnium-249 le aidheonan ogsaidein-18 agus dh'ainmich iad e air Glenn Seaborg. Tha an t-ainm seo oifigeil a-nis.[3]
Remove ads
Cleachdadh
Tha seaborgium glè thearc agus chan eil cleachdaidhean ann.
Iomraidhean
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads