Bòron
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
'S e eileamaid cheimigeach a tha ann am bòron le samhla B agus àireamh atamach 5.[2]
Tha an cor ogsaidicheadh III as cudromaiche san ceimigeachd de bhòron, mar eisimpleir ann an searbhag bhòraig (B(OH)3) agus salann-tàthaidh (Na2B4O7), na co-thàthaidhean de bhòron as cudromaiche.
Tha dà iosatòp nàdarra is seasmhach de bhòron, 10B agus 11B.
Remove ads
Taisgealadh
Ann an 1808, theasaich Humphry Davy ann an Lunnainn agus Joseph Louis Gay-Lussac is Louis Jacques Thénard anns an Fhraing searbhag bhòrasaig le potasium agus chinneasaich e bòron.
Ann an 1909 chinneasaich Ezekiel Weintraub bòron fìor-ghlan.
Cleachdadh
Tha bòron ga chleachdadh ann an glainne-shnàithlichean agus ann an gloine. Cleachdar glainne bòrosileacaid, le ainm-brannd Pyrex, ann an cidseanan agus deuchainn-lannan. Is urrainn don ghlainne seo sgailcean teasach a bhacadh.
Cleachdar bòron mar shalann-tàthaidh ann an stuth-nighe agus 's e loit-leigheas is puinnsean meanbh-fhrìdean a tha ann an searbhag bhòraig.
Iomraidhean
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads