Indium

From Wikipedia, the free encyclopedia

Indium
Remove ads

'S e eileamaid cheimigeach a tha ann an indium le samhla In agus àireamh atamach 49. 'S e meatailt bloca-p bog agus maoth a tha ann agus tha na feartan indium coltach ri na feartan gailium agus tailium. 'S e far-stuth finidh sinc a tha ann.

Quick Facts Clàr pillteach, Buadhan ...
Remove ads

Taisgealadh

Ann an 1863, chuir na ceimigearan Ferdinand Reich is Hieronymous Theodor Richter clachan-mhèinnir às na mèinnean timcheall Freiberg, Sagsainn gu deuchainn. Leagh iad mèinnearan ann an searbhag hàidreaclòraig agus tharraing iad sinc clòraid amh. Tha tailium uaireannan sa clachan-mhèinnir às an sgìre sin agus shir iad na loidhnean uaine tailium san speactram nan clachan. Cha robh loidhnean uaine ann ach bha loidhne gorm làidir ann. Cha robh fios aig luchd-saidheans aig an t-àm seo mu dheidhinn eileamaid aig an robh loidhne gorm làidir san speactram, mar sin co-dhùin iad gur e eileamaid ùr a bha ann. Dh'ainmhich iad an eileamaid "indium" air guirmean Innseanach.

Ann an 1864 rinn Richter indium fìorghlàn.

Remove ads

Cleachdadh

Cleachdar indium mar indium staoin ogsaid ann an dealbhan lionna chriostalaich, agus ann an solaisean.

Iomraidhean

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads