Calafòrnium

From Wikipedia, the free encyclopedia

Calafòrnium
Remove ads

'S e eileamaid cheimigeach a tha ann an calafòrnium le samhla Cf agus àireamh atamach 98. 'S e actanach agus meatailt rèidio-bheò bog agus dlùth a tha ann. Tha an aidheon +3 as cudromaiche sa' cheimigeachd de chalafòrnium ach tha calafòrnium(IV) ogsaid ann cuideachd.

Quick Facts Clàr pillteach, Buadhan ...

Rinneadh caractarachd ri 20 iosatòpaichean de chalafòrnium. Tha 251Cf, le leth-bheatha 898 bliadhna, 249Cf, le leth-bheatha 351 bliadhna, 250Cf, le leth-bheatha 13.08 bliadhna, agus 252Cf, le leth-bheatha 2.645 bliadhna, as seasmhaiche.

Remove ads

Eachdraidh

Ann an 1950 rinneadh an toiseach calafòrnium aig Glenn Theodore Seaborg, Albert Ghiorso, Kenneth Street, Jr. agus Stanley G. Thompson. Chleachd iad an greasadair-mhìrean 60 òirleach aig Oilthigh Chalafòrnia, Berkeley agus bhuail iad niùclasan de churium-242 le niùclasan de helium is rinn iad calafòrnium-245. Cha do rinn iad ach 5000 ataman ann an deuchainn seo. Dh'ainmicheadh iad e air Calafòrnia, ach chan eil seo co-shìnte ri diospròsium anns an t-sreath nan lantanach mar actanaich eile.

Remove ads

Cleachdadh

Cleachdar calafòrnium mar bhun-niùtroin airson rèidiografaidh agus leigheasadh aillse.

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads