Copernicium

From Wikipedia, the free encyclopedia

Copernicium
Remove ads

'S e eileamaid cheimigeach a tha ann an copernicium le samhla Cn agus àireamh atamach 112.

Quick Facts Clàr pillteach, Buadhan ...
Remove ads

'S e meatailt trastach glè rèidio-bheò agus fuadain a tha ann. Tha rannsachaidhean air a' chumhachd-thàlaidh eadar ataman de chopernicium agus uachdar de dh'òr a thomhas agus leig iad ris gu bheil copernicium coltach ri mhearcair.[2]

Rinneadh caractarachd ri 6 iosatòpaichean de chopernicium. Tha 285Cn, le leth-bheatha 29 diogan, as seasmhaiche.

Remove ads

Eachdraidh

Ann an 1996 rinn an sgioba Sigurd Hofmann aig an Comann airson Rannsachadh nan Aidheon Trom ann an Darmstadt atam de chopernicium. Bhuail iad niùclasan luaidhe-208 le niùclasan sinc-70 agus rinn iad 277Cn.

Dh'ainmich iad e air Nicolaus Copernicus, reuladair às a' Phòlainn.

Cleachdadh

Tha copernicium glè thearc agus chan eil cleachdaidhean ann.

Iomraidhean

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads