Radon
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
'S e eileamaid cheimigeach a tha ann an radon le samhla Rn agus àireamh atamach 86.[2] 'S e gas uasal rèidio-bheò a tha ann agus tha e na ghas aig an teothachd sheòmair.
Chan eil ach aon co-thàthadh de radon, radon dà-fhluaraid.[3]
Rinneadh caractarachd ri 39 iosatòpaichean de radon. Tha 222Rn, le leth-bheatha 3.823 làithean, as seasmhaiche.
Remove ads
Eachdraidh
Ann an 1900 lorg Friedrich Ernst Dorn gas rèidio-bheò a thàinig à radium. Dh'ainmhich e Radium-Emanation. Ann an 1908 leth-oirich William Ramsay agus Robert Whytlaw-Gray gu leòr de radon a dhùmhlachd a thomhas. O chionn 's gun do dhealraich e anns an dorchadas, dh'ainmich iad e niton às an Laideann nitens no 'dealrach'. Ann an 1923 dh'ainhmicheadh e radon gu oifigeil.
Cruinn-eòlas
Tha radon a' dol às an seargadh radium. Tha uimhirean radoin ann an Alba as motha faisg air Bun Ilidh, ann an Arcaibh, ann an Sgarba agus na Garbh Eileacha agus faisg air an Uisge Dhè.[4] Is urrainn do radon a co-chàrnadh ann an taighean[5][6] agus ann am mèinnean agus a chur aillse air luchd-còmhnaidh agus mèinnearan.
Iomraidhean
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads