Telurium

From Wikipedia, the free encyclopedia

Telurium
Remove ads

'S e eileamaid cheimigeach a tha ann an telurium le samhla Te agus àireamh atamach 52.

Quick Facts Clàr pillteach, Buadhan ...

'S e meataloighd a tha ann, le feartan ceimigeach coltach ri na de selenium agus sulfar. Tha an cor ogsaidicheadh IV as cumanta. Tha an cruth criostalach telurium airgeadach agus brisg.

Tha 8 iosatòpaichean nàdarra de thelurium agus tha 128Te (leth-bheatha 2.2 × 1024 bliadhna) is 130Te (leth-bheatha 7.9 × 1020 bliadhna) as cumanta. Tha na 6 iosatòpaichean nàdarra eile seasmhach.

Remove ads

Eachdraidh

Ann an 1782 lorg Franz-Joseph Müller von Reichenstein telurium ann am mèinnear còmhla ri òr. Smaoinicheadh gur e antamonaidh a bha ann am mèinnear, ach dhearbhaich Müller gur e stuth ùr a bha ann. Ann an 1798 dh'ainmhich Martin Heinrich Klaproth an stuth ùr telurium air an Laideann tellus, no "Talamh".

Cleachdadh

Cleachdar telurium ann am meatailteachd. Tha e nas fhasa aloidhean de copar no stàilinn is telurium a chumadh na aloidhean gun telurium. Cleachdar cadmium teluraid cuideachd ann am panailean-grèine.

Bith-eòlas

Tha telurium puinnseanach. Tha an corp ag atharrachadh telurium ann an Te(CH3)2. 'S e an co-thàthadh seo as adhbhar do "anail thelurium", far a bheil fàileadh creamha air an anail.

Iomraidhean

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads